Main content
Sorry, this episode is not currently available

le Cathy NicDhòmhnaill

Cuairt timcheall air Cathair Eaglais Naomh Giles ann an Dun Èideann. Cathy MacDonald visits St Giles Cathedral in Edinburgh.

Cha bheag a' luach a th' ann an obair-ealain à Instituid Ealain Phàislig. Ach airson cosgaisean na buidhne, tha rùp ga chumail airson mu cheud pìos-ealain bhon chruinneachadh aca - le dòchas mu mhillean not a thogail. Ach cò a' luchd-ealain a rinn na deilbh a thèid an reic, agus dè a' sgeulachd a th' air cùl na tha seo de reic? Tha an tè-ealain Iseabail Mhoireach ag innse beagan dha Cathy.

Le 900 bliadhna bho chaidh Cathair Eaglais Naomh Giles ann an Dun Èideann a thogail, chaidh Cathy a thadhal air an togalach eachdraidheil sa an teis-mheadhain cathair-bhaile na h-Alba. Cuide rithe tha dithis a tha gu math eòlach air adhradh is eachdraidh an togalaich; an t-Urr. Aonghas Mac a' Ghobhainn, agus an Dr Urr. Aonghas Moireasdan.

Air Latha nan Cànan Eòrpach, 's e mion-chànain de gach seòrsa ann an New York cuspair leabhar Ross Perlin - Language City. Tha Calum Iain Bartlett air sùil a thoirt air dhuinne - saoil dè a bheachd fhèin air a' leabhar inntinneach sa?

Agus le prìsean teòclaid ag èirigh is ag èirigh... tha an còcaire Alasdair MacLeòid a-staigh sa stiùidio, le iomadach criomag fiosrachaidh air cò às a tha an teòclaid sna bùithtean againn a' tighinn, agus na h-adhbharan a tha na prisean air a bhith ag atharrachadh.

57 minutes

Last on

Thu 26 Sep 2024 22:25

Broadcasts

  • Thu 26 Sep 2024 09:00
  • Thu 26 Sep 2024 22:25