Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1314
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir à ireamh 1314. Roddy Maclean reads this week's letter for Gà idhlig learners.
Last on
Sun 22 Sep 2024
13:55
Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
More episodes
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 1010
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1314
Duration: 05:00
Litir 1314: Caisteal Loch nan Doirb (4)
Fhuair Alasdair Mòr mac an Rìgh – the Wolf of Badenoch – smachd air Caisteal Loch nan Doirb anns a’ bhliadhna trì cheud deug, seachdad ’s a dhà (1372). Tha e coltach, roimhe sin, gun robh e le Crùn na h-Alba. B’ e athair Alasdair Rìgh Raibeart II. Nuair a fhuair athair an crùn, thug e còraichean a bharrachd do dh’Alasdair. B’ esan Iarla Bhuchain, Tighearna Bhà ideanach agus Iarla Rois, am measg eile. Bha e cumhachdach thairis air ceann a tuath na h-Alba agus bha sreath chaistealan aige. Bha Loch nan Doirb nam measg.
’S e duine cruaidh a bh’ ann an Alasdair Mòr mac an Rìgh. Tha fhrith-ainm ann am Beurla – the Wolf of Badenoch – ag innse sin dhuinn! Chaidh e fhèin agus an Eaglais a-mach air a chèile gu salach. Rinn e droch-dhìol air a bhean agus theich i. An uair sin, bha e a’ fuireach còmhla ri tè eile – Mairead nic Eachainn – mar bhean. Bha e cuideachd a’ cumail a-mach gun robh smachd aigesan air fearann na h-Eaglaise ann am Bà ideanach.
Air sà illibh a h-uile cà il sin, rinn Easbaig Mhoireibh ascaoineadh air. Tha sin a’ ciallachadh gun robh e air a chur a-mach às an Eaglais buileach glan. A rèir aon neach-eachdraidh bha Alasdair a’ fuireach ann an Caisteal Loch nan Doirb nuair a thà inig manach thuige airson teachdaireachd an Easbaig a thoirt dha.
Bha Alasdair fiadhaich. Thug e feachd leis agus rinn iad sgrios air à iteachan ann am Moireibh a bha ceangailte ris an Eaglais. Chaidh iad a dh’Eilginn agus loisg iad a’ Chathair-eaglais gu là r.
Bha sin ann an trì cheud deug is naochad (1390). Tha eachdraidhean na h-Alba sà mhach mu Loch nan Doirb airson deicheadan an dèidh sin. Ach tha e a’ nochdadh a-rithist anns na ceathradan dhen chòigeamh linn deug. B’ e Seumas II Rìgh na h-Alba. Bha Gilleasbaig Dubh Dùghlas, Iarla Mhoireibh, na nà mhaid don Rìgh. Bha esan a’ fuireach anns a’ chaisteal.Ìý
Chaidh Gilleasbaig a mharbhadh aig Blà r Arkinholm ann an ceann an iar-dheas na h-Alba ann an ceithir cheud deug, caogad ’s a còig (1455). ’S ann an uair sin a thà inig beatha Caisteal Loch nan Doirb an ìre mhath gu ceann.Ìý
Bha Seumas II airson ’s nach biodh an caisteal air a chur gu feum na aghaidh tuilleadh. Thug e cùmhnant do Thà naiste Chaladair Caisteal Loch nan Doirb a thoirt à s a chèile. Cha robh e eadhon dà cheud bliadhna a dh’aois. Fhuair Uilleam, Tà naiste Chaladair, fichead ’s a ceithir notaichean airson na h-obrach.Ìý
A rèir beul-aithris, chaidh geata mòr iarainn, a tha an-diugh ann an Caisteal Chaladair, a thoirt ann à Loch nan Doirb. Chaidh a ghiùlan co-dhiù trì mìle deug thairis air a’ mhonadh gu ruige Caladair le fear là idir a bha aithnichte mar ‘Dòmhnall gun Mhà thair’.
A-nise chan eil dad air fhà gail air Eilean Loch nan Doirb ach ballachan-cloiche. Ach saoilidh mi gu bheil an tobhta sin prìseil. Tha e a’ sealltainn dhuinn mar a bha caistealan na h-Alba anns na meadhan-aoisean. Tha a chruth gu math eadar-dhealaichte bho na taighean daingnichte dhen t-seòrsa a chì sinn, mar eisimpleir, ann an Caladair. Saoil dè thachras a-nise don chaisteal iongantach seo? Bheir mi sùil air a’ cheist sin an-ath-sheachdain.

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: Alasdair Mòr mac an Rìgh: the Wolf of Badenoch; Caisteal Loch nan Doirb: Lochindorb Castle; còraichean: rights; Iarla Bhuchain: Earl of Buchan; Tighearna Bhà ideanach: Lord of Badenoch; Iarla Rois: Earl of Ross; fhrith-ainm: his nickname; deicheadan: decades; Seumas II: James II; prìseil: valuable.Ìý
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: bha sreath chaistealan aige: he had a series of castles; rinn e droch-dhìol air a bhean: he abused his wife; bha e a’ cumail a-mach gun robh smachd aigesan air fearann na h-Eaglaise ann am Bà ideanach: he was making out that he had control of the Church’s lands in Badenoch; air sà illibh a h-uile cà il sin: because of all of that; rinn Easbaig Mhoireibh ascaoineadh air: the Bishop of Moray excommunicated him; airson teachdaireachd an Easbaig a thoirt dha: to give him the Bishop’s message; rinn iad sgrios air à iteachan ann am Moireibh: they destroyed places in Moray; chaidh iad a dh’Eilginn: they went to Elgin; loisg iad a’ Chathair-eaglais gu là r: they burned the Cathedral to the ground; bha Gilleasbaig Dubh Dùghlas, Iarla Mhoireibh, na nà mhaid don Rìgh: Black Archibald Douglas, Earl of Moray, was an enemy of [to] the King; bha X airson ’s nach biodh an caisteal air a chur gu feum na aghaidh tuilleadh: X desired that the castle not be used against him again; thug e cùmhnant do Thà naiste Chaladair Caisteal Loch nan Doirb a thoirt às a chèile: he gave a contract to the Thane of Cawdor to dismantle Lochindorb Castle; chaidh a ghiùlan thairis air a’ mhonadh: it was carried over the hills; a bha aithnichte mar ‘Dòmhnall gun Mhà thair’: who was known as ‘Donald without a mother’; eadar-dhealaichte bho na taighean daingnichte: different from the fortified houses.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: gun robh e air a chur a-mach às an Eaglais buileach glan: that he was completely thrown out of the Church. Buileach means ‘complete, entire’ and, although an adjective, can be used in an adverbial sense – buileach and gu buileach can both mean ‘completely, fully, entirely’. If you want to emphasise the completeness of the matter in hand, you can add glan (which also means ‘completely’ in an idiomatic sense). Buileach glan is often used at the end of a phrase to mean ‘completely, totally, absolutely’. Chaidh iad a-mach air a chèile buileach glan ‘they had a total fall out’.
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: Chaidh e fhèin agus an Eaglais a-mach air a chèile gu salach: he and the Church fell out with each other completely (similar to buileach glan above but extremely negative).
Broadcast
- Sun 22 Sep 2024 13:55Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.