còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill
Taghadh bho Naoi gu Deich na seachdain seo còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill. Highlights from this week's Naoi gu Deich with Cathy MacDonald.
Tha iomagain air feadh na Rìoghachd Aonaichte le mar a tha Harland & Wolff, companaidh togail shoithichean is innleadaireachd ainmeil, air a dhol ann an rianachd. Am measg nan gà rraidhean aca tha Gà rradh Àranais ann an Leòdhas - ach cò às a thà inig a' chompanaidh sa, agus ciamar a tha iad air an ìre a tha seo a ruighinn? Chualar an sgeulachd bhon fhear-naidheachd Aonghas Dòmhnallach.
'S ann a Dhùn Èideann a chaidh Cathy airson cèiliche na seachdain - an t-Oll. Will Lamb. Buinnidh Will do Bhaltimore sna Stà itean Aonaichte bho thùs, ach ciamar a thà inig e chun na Gà idhlig agus e an-diugh ag obair ann an Roinn Ceiltis is Gà idhlig Oilthigh Dhùn Èideann? Cuideachd chualar mun leabhar grà mair ùr a tha e air fhoillseachadh, agus mun obair chudromach ris a bheil e a tha a' toirt air coimpiutairean tà r-sgrìobhainn a dhèanamh de ghuthan Gà idhlig.
Tha tasglann am bà rd Jackie Kay a-nise ri fhaighinn ann an Leabharlann Nà iseanta na h-Alba. Ach carson a tha tasglann ann an leabharlann cudromach co-dhiù? Bhruidhinn Cathy ri Alison Lang, Aonghas Phà draig Caimbeul, Pà draig MacAoidh agus Fiona NicChoinnich mu na tha iadsan air dèanamh leotha.
Bha Dòmhnall Saunders nar cuideachd le eisimpleirean de chlà raidhean bho Chailleach an Deacoin - caractar comadaidh a chruthaich is a chluich Murchadh MacMhathain à Grabhair an à rd-ùrlaran Eilean Leòdhais sna 60an is na 70an. Tha cuid a chlà raidhean air an ùr-fhoillseachadh a-nise, ach cò bh' ann am Murchadh agus ciamar a chruthaich e a' Chailleach?
Last on
More episodes
Previous
Broadcast
- Sun 22 Sep 2024 12:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal