còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill
Taghadh bho Naoi gu Deich na seachdain seo còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill. Highlights from this week's Naoi gu Deich with Cathy MacDonald.
Thòisich sgeama a tha a' toirt saorsa do phrìosanaich nas trà ithe na bha an dùil, a' tòiseachadh ann a Sasainn 's anns a' Chuimrigh an t-seachdain-sa. Ach tha iomagain air mòran nach bi an taic neo na goireasean ceart ri fhaighinn dhaibh. Bha Cathy a' bruidhinn ri dithis a bhiodh a' toirt taic do dh'fheadhainn a bha a' tighinn a-mach às a' phrìosan.
Bha Cathy a' còmhradh ri Aonghas Lambkin a tha air tilleadh à sgìre Ghaza far a robh e ag obair dha na Dùthchannan Aonaichte, an lùib iomairt a bha a' toirt taic dhaonnachdach sa sgìre. Mhìnich e na duiligheadasan a bh' aca a' feuchainn ri cuideachadh, goireasan, biadh agus stuthan meidigeach fhaighinn gu daoine.
Choisinn Sue Lawrence à Dùn Dè farpais Masterchef ann an 1991. Bhon uair sin, tha i air iomadh leabhar còcaireachd is bèiceareachd a sgrìobhadh. Tha an leabhar ùr aice, New Scottish Baking, direach air nochdadh 's thug an còcaire, Dolag Monaghan sùil tron leabhar dhuinn agus dh'fheuch i rud neo dhà à s.
B' e Calum MacIllEathain, cèiliche na seachdain. Thogadh Calum ann a teanamant aig Cowcaddens, là ithean a tha prìseil na chuimhne. Às a sin, chaidh an teaghlach gu Ibrox - rud, mar a chluinneas sinn, a thug a bhuaidh fhèin air an sealladh 's an tuigse a bh' aige air an t-saoghal obrach a bh' air thoiseach air. Chuir e seachad a bheatha-obrach na thidsear ealain 's an uair sin os cionn agus an sàs ann an iomadh pròiseact chliùiteach anns na h-ealain agus fiù greiseag bheag sa Chuan a Tuath an cois obair na h-ola. Tha e an-diugh a' tà mh gu dòigheil ann a sgìre a shinnsearean an Ùige, Leòdhais.
Last on
More episodes
Previous
Broadcast
- Sun 15 Sep 2024 12:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal