còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill
Taghadh bho Naoi gu Deich na seachdain seo còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill. Highlights from this week's Naoi gu Deich with Cathy MacDonald.
'S iomadh pà rant a tha a' leigeil soraidh slà n len cuid cloinne is iad a' dol dhan oilthigh neo dhan cholaiste airson a' chiad uair air a' mhìos sa. Ach dè na cuimhneachain a th' aca fhèin mun à m a rinn iad air an oilthigh agus ciamar a tha sin a' toirt buaidh air a mar a tha iad a' faireachdainn a' faicinn an cuid cloinne fhèin a' falbh? Bhruidhinn Cathy ri ceathrar a bha thall 's a dh'fhairich.
Tha ola a' chroinn-ola ga mholadh mar shà r bhiadh ùr am measg nan Spà innteach agus e coltach gu bheil e gu math feumail dhar slà inte. Ach ciamar a chleachdas tu e sa chidsin agad fhèin? Bha an còcaire Alasdair MacLeòid a-staigh airson innse dhuinn.
B' e an cleasaiche Iain MacAsgaill a bha na chèiliche aig Cathy agus e dìreach air a' mhìos a chur seachad a' cuideachadh aig Fèis Dhùn Èideann, ged nach eil e fhèin tuilleadh air à rd-ùrlar. Saoil dè na sgeulachdan a bh' aige bhon fhèis, agus bho bheatha mar chleasaiche ann an iomadach dealbh-chluich is prògram, leithid Machair.
Tha 40 bliadhna ann air a' mhìos sa bho chaidh Comunn na Gà idhlig a stèidheachadh. Thairis air na bliadhnaichean sin, 's iomadh rud ann an saoghal na Gà idhlig ris a bheil iad air cur - eadar na h-iomairtean airson foghlam tro mheadhan na Gà idhlig, airson craoladh Gà idhlig air an telebhisean, agus airson à ite don Ghà idhlig ann an reachdas is riaghaltas. Cuide ri Cathy a' toirt sùil air ais air na bliadhnaichean sin, bha sianar a bha gu dlùth an sàs ann an obair na buidhne; agus iad cuideachd a' beachdachadh air an t-slighe air adhart.
Last on
More episodes
Previous
Broadcast
- Sun 8 Sep 2024 12:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal