Main content

Comunn na Gàidhlig (CNAG) @ 40 le Cathy NicDhòmhnaill

Prògram sonraichte a' comharrachadh 40 bliadhna bho chaidh Comunn na Gàidhlig a stèidheachadh. A special programme marking forty years since Comunn na Gàidhlig was established.

Tha 40 bliadhna ann air a' mhìos sa bho chaidh Comunn na Gàidhlig a stèidheachadh. Thairis air na bliadhnaichean sin, 's iomadh rud ann an saoghal na Gàidhlig ris a bheil iad air cur - eadar na h-iomairtean airson foghlam tro mheadhan na Gàidhlig, airson craoladh Gàidhlig air an telebhisean, agus airson àite don Ghàidhlig ann an reachdas is riaghaltas.

Cuide ri Cathy a' toirt sùil air ais air na bliadhnaichean sin, tha sianar a bha gu dlùth an sàs ann an obair na buidhne; agus iad cuideachd a' beachdachadh air an t-slighe air adhart.

'S iad sin Iain Aonghas MacAoidh, a' chiad cheannard air a' bhuidheann; Ailean Caimbeul, a bha an-sàs san iomairt coiteachaidh airson a' chomunn a stèidheachadh, agus a bhiodh na cheannard sna 90an; Dòmhnall Màrtainn, a bha na cheannard sna 2000an; Magaidh Wentworth, a rinn mòran a thaobh buidhnean òigridh leithid Sradagan a chuir air bhonn; Mairead NicÌomhair, a rinn obair mhòr a dh'ionnsaigh goireasan foghlaim air feadh na dùthcha; agus Dòmhnall MacNèill, a tha an-diugh na cheannard air Comunn na Gàidhlig.

15 days left to listen

57 minutes

Last on

Thu 5 Sep 2024 22:30

Broadcasts

  • Thu 5 Sep 2024 09:00
  • Thu 5 Sep 2024 22:30