Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1310
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir à ireamh 1310. Roddy Maclean reads this week's letter for Gà idhlig learners.
Last on
Sun 25 Aug 2024
13:55
Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
More episodes
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 1006
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1310
Duration: 05:00
Litir 1310: Clach Sgà in (3)
Bha mi ag innse dhuibh mun chunntas aig John of Fordun mu thùs nan Gà idheal. Bha John beò anns a’ cheathramh linn deug. A rèir a chunntais, bha Simon Breac, mac Ghaythelos – no an Gà idheal Glas – air clach ann an cumadh cathrach a tharraing suas bho ghrunnd na mara far costa na h-Èireann. Bha Simon dhen bheachd gur e tiodhlac bho na diathan a bha sa chloich.
Bha na fà idhean air innse dha gum biodh na Scoti – na Gà idheil – a’ riaghladh far am biodh iad a’ lorg clach a chaidh a ghoid bhuapa uaireigin roimhe. A rèir John of Fordun, bha a’ chlach sin air a goid bhuapa an dà chuid anns an Spà inn agus ann an Èirinn. Ach, le strì agus armachd, fhuair na h-Albannaich air ais i.
Nise, tha John ag aideachadh gur dòcha nach tà inig a’ chathair-chloiche bho ghrunnd na mara. Bha cuid a’ cumail a-mach gun tug Gaythelos i bhon Èiphit nuair a bha e air a chur a-mach às an dùthaich sin. ’S ann air a’ chathair sin a bhiodh rìghrean Albannach anns an Spà inn nan suidhe nuair a ghabh iad am bòidean mar rìgh.
Ach a bheil sinn a’ bruidhinn air ‘Albannaich’ no ‘Èireannaich’? Math dh’fhaodte gum bu chòir dhuinn a bhith a’ bruidhinn air ‘Gà idheil’. Cha robh Alba no Èirinn ann am bith mar rìoghachdan an uair sin. Agus bha am facal ‘Scotus’ a’ buntainn ri Gà idheil as gach dùthaich.
Tha John ag innse dhuinn gun tug Simon Breac a’ chlach a-null on Spà inn a dh’Èirinn. Chuir e i air mullach cnuic ann an Teamhair – à ite naomh. Bhiodh rìghrean nan Gà idheal ann an Èirinn nan suidhe air a’ chathair rìoghail sin nuair a bha inbhe rìgh air a buileachadh orra.Â
Bidh ceistean agaibh mun chloich, tha fhios. An e sin a’ chlach a tha a-nise ann an Taigh-tasgaidh Pheairt – an tè air an robh rìghrean Albannach air an crùnadh ann an Sgà in? Uill, chan eil Clach Sgà in ann an cumadh cathrach. Agus chan eil i air a dèanamh de mhà rmor. Chan eil e ro choltach gu bheil sinn a’ bruidhinn air an aon chloich. Agus an ann à Èirinn a thà inig i? No an robh i air a buidhinn faisg air Sgà in fhèin, gun bhuntanas sam bith aice do dh’Èirinn, don Spà inn no don Èiphit?! Chan eil mi fhìn a’ dol a thoirt seachad beachd!
Agus, a rèir John of Fordun, cuin a thà inig Clach Sgà in gu ruige Alba? Uill, ma tha an eachdraidh air a bhith teagmhach thuige seo, tha i a’ fà s nas eucoltaiche a-nise. Tha John ag rà dh gun tug a’ chiad rìgh Gà idhealach ann an Alba – Fearghas mac Fhearchaid – a-nall i anns a’ bhliadhna trì cheud is trithead ro Chrìosd (330 BC). Tha a’ chuid as motha de sgoilearan ag rà dh gu bheil sin ceudan bhliadhnaichean ro thrà th. Tha John ag innse dhuinn gum b’ ise an dearbh chathair a thug Simon Breac a dh’Èirinn. Agus chaidh Fearghas a chrùnadh oirre mar Rìgh ann an ‘Scotia’.Â
Ge-tà , tha John ag innse dhuinn gun robh crìoch ann an Druim Albann eadar tìr nan Gà idheal air an taobh an iar agus tìr nan Cruithneach air an taobh an ear. Ma bha a’ chlach ann an Alba, cha robh i ann an Sgà in.

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: fà idhean: prophets; ag aideachadh: admitting; Teamhair: Tara; Taigh-tasgaidh Pheairt: Perth Museum; Sgà in: Scone.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: mu thùs nan Gà idheal: about the origin of the Gaels; anns a’ cheathramh linn deug: in the fourteenth century; clach ann an cumadh cathrach: a stone in the shape of a chair/throne; bho ghrunnd na mara far costa na h-Èireann: from the sea bed off the coast of Ireland; gur e tiodhlac bho na diathan a bha sa chloich: that the stone was a gift from the gods; an dà chuid anns an Spà inn agus ann an Èirinn: both in Spain and Ireland; bha cuid a’ cumail a-mach gun tug X i bhon Èiphit: some people were maintaining that X brought it from Egypt; nuair a bha e air a chur a-mach às an dùthaich sin: when he was expelled from that country; ’s ann air a’ chathair sin a bhiodh rìghrean Albannach anns an Spà inn nan suidhe: it’s on that chair that Scottish kings in Spain would sit; nuair a ghabh iad am bòidean: when they were sworn in; bha am facal Scotus a’ buntainn ri Gà idheil as gach dùthaich: the word Scotus referred to Gaels from each country; nuair a bha inbhe rìgh air a buileachadh orra: when the status of king was bestowed upon them; chan eil i air a dèanamh de mhà rmor: it’s not made of marble; ma tha an eachdraidh air a bhith teagmhach thuige seo: if the history has been doubtful to this point; tha i a’ fàs nas eucoltaiche a-nise: it gets more unlikely now; ceudan bhliadhnaichean ro thrà th: centuries too early; crìoch ann an Druim Albann: a border in Drumalban; tìr nan Cruithneach: the land of the Picts.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: clach a chaidh a ghoid bhuapa uaireigin roimhe. A rèir X, bha a’ chlach sin air a goid bhuapa: a stone that was stolen from them some time before. According to X, that stone was stolen from them. Notice the difference in lenition in these two passive verbal constructions. Using the verb rach ‘go’, the verbal noun is lenited e.g. sin an fheadhainn a chaidh a dhèanamh ‘those are the ones that were made’. However, in the second example, air a goid means literally ‘after its stealing’ and clach is feminine so the possessive feminine pronoun does not induce lenition in the (verbal) noun.
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: an robh i air a buidhinn faisg air Sgà in fhèin?: was it quarried [won] near Scone itself?
Broadcast
- Sun 25 Aug 2024 13:55Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.