Main content

le Niall Iain Dòmhnallach

Naidheachdan, còmhradh, spòrs, ceòl agus fealla-dhà. News, chat, sport, music and entertainment.

Cothrom èisteachd a-rithist ri Feasgar beò bho Taigh-Grùide na Hearadh anns an t-Òb agus muinntir na coimhearsnachd ag innse carson a tha an sgìre cho cudromach dhaibh.

Tha Isla Scott na seinneadair agus neach-ciùil às na Hearadh agus tha i còmhla rinn beò air a' phrògram a' seinn òrain, nam measg tha an t-òran aice fhèin Nuair Thigeas an Oidhch'.

Tha Catriona NicIllinnein a' cèilidh oirnn is i ag innse mu Hub an t-Òib, a dh' fhosgail gu h-oifigeil bho chionn dà mhìos. Cluinnear cuideachd bho fheadhainn a tha a' ruith Aosd Is Ùr, bùth-carthannas a tha stèidhichte san Hub.

Am measg na tha a' tadhal oirnn cuideachd tha Coinneach Macleòid, manadsair Bùth-Coimhearsnachd na Hearadh, Fiona NicCoinnich a tha as a bhuidheann Croitearan Òga nan Eilean Siar, Rebecca Hutton a tha na breabadair san sgìre, agus Rhoda NicDhòmhnaill a tha na stiùiriche aig Urras Taobh Siar na Hearadh.

Cuideachd tha triùir bho Comhairle Òigridh na Hearadh ag innse mu thachartas a tha iad a' cur air dòigh airson daoine òga san sgìre agus tha Aonghas Mac Gill'Eathain a' mìneachadh an obair a thathas a' dèanamh aig ionad-tadhail Hebrides People anns an Taobh Tuath.

29 days left to listen

1 hour, 27 minutes

Last on

Yesterday 21:00

Music Played

  • The McGoldrick Family

    Down the Broom / Touch Me If You Dare / Willie Bucach Macleod of Stornoway

    • One For the Road.
    • Boxroom Music.
    • 9.

Broadcasts

  • Fri 23 Aug 2024 12:00
  • Yesterday 12:00
  • Yesterday 21:00