le Cathy NicDhòmhnaill
Còmhradh, deasbad, cultar agus cur-seachadan le Cathy NicDhòmhnaill. Conversation, discussion, culture and lifestyle with Cathy MacDonald.
Tha a' riaghaltas ùr Là barach ann an Lunnainn air a bhith ga stèidheachadh fhèin thairis air a' mhìos a dh'fhalbh. Am measg na tha san amharc aca, tha cosgaisean agus buidseatan dìon agus an cruth a bhios air feachdan armaichte Bhreatainn sna bliadhnaichean ri thighinn. Tha Alasdair MacLeòid bho Â鶹ԼÅÄ Naidheachdan air a bhith a' rannsachadh na cùise, is tha e a' mìneachadh dè dìreach a th' anns a' lèirmheas a tha a' riaghaltas air tòiseachadh.
Innsidh Dùghlas Ross dhuinn mu rannsachadh ùr a tha dearbhadh, aon uair eile, an t-à ite a th' aig an Eilean Sgitheanach ann an eòlas a chur air fosailean. Dè an naidheachd às ùr a tha seo mu mhamailean; agus carson a tha Stafainn gu sònraichte cho cudromach anns a' roinn eòlais seo?
Tha Mairianna NicChoinnich a' bruidhinn ri Calum Aonghas MacAoidh mun taisbeanadh ealain ùr aige, UNNAD, a tha ri fhaicinn anns a' Lanntair ann an Steòrnabhagh.
Agus 80 bliadhna bho thòisich nighean òg a' sgrìobhadh leabhar-latha air leth ainmeil, tha Patsi NicChoinnich a' toirt sùil air na bha Anne Frank a' sgrìobhadh na nighean òg aig à m an Dà rna Cogaidh.
Last on
More episodes
Previous
Next
Broadcasts
- Thu 1 Aug 2024 09:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Thu 1 Aug 2024 22:25Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal