Main content

Litir do Luchd-ionnsachaidh 1303

Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir àireamh 1303. Roddy Maclean reads this week's letter for Gàidhlig learners.

Available now

5 minutes

Last on

Sun 7 Jul 2024 13:55

Clip

Litir 1303: Caisteal a' Bhreabadair (1)

Tha greis o nach robh sinn anns na h-Eileanan A-muigh anns an Litir. An t-seachdain seo, bu mhath leam ur toirt gu ceann a deas nan eilean – gu Eileanan nan Stac. Bidh cuid a’ gabhail ‘The Stack Islands’ orra ann am Beurla. Agus càit a bheil iad? Tha, deas air Èirisgeigh.

’S iad an dà eilean as fhaide deas an aon fheadhainn air am b’ urrainn do dhuine a bhith a’ tighinn beò. ’S iad na h-ainmean a th’ orra – An t-Eilean Leathann agus, ceangailte ris, An Stac Àrd. Air an Stac Àrd tha tobhta. ’S e seann dùn no daingneach a th’ ann a tha clàraichte le àrc-eòlaichean. Agus tha tòrr beul-aithris co-cheangailte ris.

Air na mapaichean, ’s e Caisteal an Reubadair a th’ air mar ainm. Tha sin a’ ciallachadh ‘the castle of the plunderer’. Ge-tà, tha muinntir Èirisgeigh a’ gabhail Caisteal a’ Bhreabadair air – ‘the castle of the weaver’. Math dh’fhaodte gu bheil iad ceart le chèile oir ’s e breabadair a thog e, a rèir an sgeòil. Agus bha an duine sin cuideachd na reubadair no spùinneadair. Seo dreach dhen sgeul mar a chaidh aithris ann am Barraigh le Iain Mac a’ Phearsain no ‘An Codaidh’ mar a b’ fheàrr a dh’ aithnicheadh e.Ìý

Chaidh breabadair a bha seo a chur a-mach à Barraigh. Roghnaich e dhol a dh’fhuireach ann an Eileanan nan Stac. Thug e leis cas-chrom agus innealan eile airson a bhith ag obrachadh na talmhainn.

An toiseach, chaidh e a-null a dh’Èirisgeigh airson làir bhàn fhaighinn. ’S e sin a’ Ghàidhlig a bh’ aig a’ Chodaidh air each dhen t-seòrsa a tha fhathast a’ fuireach ann an Èirisgeigh. Làir bhàn. Gu litreachail ‘fair mare’.

Eadar an làir bhàn agus am  breabadair, thugadh clachan far a’ chladaich suas gu mullach an Staca. Tha an talamh gu math cas. Bha an obair cruaidh. A rèir choltais, chithear fhathast cùirn de chlachan a chaidh a leigeil ann à druim an eich.

Fhad ’s a bha am breabadair a’ togail a’ chaisteil, bha e a’ tighinn beò air na dh’fhàsadh e agus air na ghlacadh e de dh’èisg agus eòin-mhara. Ach an robh e a’ faighinn gu leòr airson cumail a dol? Cha robh. Agus ’s ann an uair sin a dh’atharraich am breabadair gu bhith na reubadair. Mar a tha An Codaidh a’ mìneachadh, bha spùinneadh cumanta gu leòr anns na làithean ud. Bhiodh am breabadair a’ falbh am measg nan eilean anns an eathar aige, a’ goid rudan bho na daoine.

Nuair a bha an caisteal dèante, roghnaich am breabadair bean a ghabhail dha fhèin. ’S e an t-Iuchar a bh’ ann agus bha fios aig a’ bhreabadair gum biodh muinntir Uibhist a Deas aig an àirigh. ’S ann an uair sin a bhiodh na daoine a’ dèanamh ìm agus càise leis a’ bhainne a bha iad a’ faighinn. Bha fios aig a’ bhreabadair gum biodh banaraich aig an àirigh.

Tràth tràth sa mhadainn, dh’fhàg am breabadair a dhachaigh air an Stac anns an eathar aige. Rinn e air Loch Aineort air taobh sear Uibhist a Deas. Ràinig e an àirigh agus fhuair e e fhèin am measg buidheann de bhoireannaich òga bhrèagha. Ach ciamar a bha e a’ dol a thoirt air boireannach òg a bhith a’ falbh leis? Chì sinn anns an ath Litir.

Faclan na Litreach

Faclan na Litreach: tobhta: ruined building; beul-aithris: oral tradition; Barraigh: Barra; cas-chrom: the old foot-spade of the Gaels (for which there is no English name); eathar: boat; tràth tràth: very early; Loch Aineort: Loch Eynort.

Abairtean na Litreach

Abairtean na Litreach: deas air Èirisgeigh: south of Eriskay; ’s iad an dà eilean as fhaide deas an aon fheadhainn air am b’ urrainn do dhuine a bhith a’ tighinn beò: the two most southerly islands are the only ones on which a person could make a living; ’s e seann dùn no daingneach a th’ ann: it’s an old fort or stronghold; a tha clàraichte le àrc-eòlaichean: which is registered by archaeologists; math dh’fhaodte gu bheil iad ceart le chèile: perhaps they are both correct; oir ’s e breabadair a thog e, a rèir an sgeòil: because it’s a weaver that built it, according to the story; chaidh X a chur a-mach à Barraigh: X was expelled from Barra; ag obrachadh na talmhainn: working the land; thugadh clachan far a’ chladaich suas gu mullach an Staca: stones were taken from the shore up to the top of the Stac; chithear fhathast cùirn de chlachan: cairns of stone can still be seen; a chaidh a leigeil ann à druim an eich: that were dropped there from the back of the horse; a’ tighinn beò air na dh’fhàsadh e agus air na ghlacadh e de dh’èisg agus eòin-mhara: living off what he grew and on what he caught of fish and seabirds; dh’atharraich am breabadair gu bhith na reubadair: the weaver changed and became a plunderer; roghnaich am breabadair bean a ghabhail dha fhèin: the weaver chose to take himself a wife; gum biodh banaraich aig an àirigh: that there would be milking maids at the shieling; fhuair e e fhèin am measg buidheann de bhoireannaich òga bhrèagha: he found himself among a group of beautiful young women.

Puing-chànain na Litreach

Puing-chànain na Litreach: no ‘An Codaidh’ mar a b’ fheàrr a dh’aithnicheadh e: or ‘The Coddy’ as he was best known [recognised]. In this phrase b’ fheàrr is the past tense form of ʼs fheàrr so we use a past passive form of the verb i.e. dh’aithnicheadh ‘was known, recognised’. The present tense form would be mar as fheàrr as aithnichear e ‘as he is [will be] best known’.

Gnàthas-cainnt na Litreach

Gnàthas-cainnt na Litreach: Tha greis o nach robh sinn anns na h-Eileanan A-muigh: it’s a while since we were in the Outer Isles.

Broadcast

  • Sun 7 Jul 2024 13:55

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)

All letters

Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Letter To Gaelic Learners

Podcast