Main content
Sorry, this episode is not currently available

Còmhla ris an Urr Donaidh MacSuain, Eaglais na h-Alba, Cill Tighearna

Còmhla ris an Urr Donaidh MacSuain, Eaglais na h-Alba, Cill Tighearna. Gaelic religious service conducted by Rev Donnie MacSween, Church of Scotland, Kiltearn.

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm, laoidh agus na leughaidhean a leanas:
Salm 103: 10-11 air fonn Kilmarnock agus 's e Coinneach A MacAoidh a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba an Ùige, Leòdhas.
Salm 57: 1 air fonn Martyrdom agus 's e Seonaidh MacSuain a tha os cionn na seinn le tiac bho choitheanalan Eaglaisean Leòdhais agus an Hearadh.
Gràdh Dhè air a sheinn le Emma NicLeòid

Leughaidhean: Isaiah 61: 1-6 & Lucas 15: 1-10
Ceann-teagaisg: Lùcas 15: 5-6

Buinidh Donaidh MacSuain do bhaile Sgarastadh anns na Hearadh agus chaidh e don sgoil san Òb agus air an Tairbeart. Chuir e seachad dà bhliadhna an dèidh sin ann an Àrd-sgoil Inbhir Nis mus do thòisich e ag obair ann am bùth Littlewoods sa bhaile.
B' ann an 1974 thòisich e ag obair làn ùine aig Littlewoods agus chuir e seachd ochd bliadhna ann am bailtean mòra air feadh na rìoghachd, nam measg Lunnainn agus Oxford. Ghluais e a Ghlaschu an dèidh sin agus thòisich e anns an oilthigh, a' ceumnachadh le BD ann an 1990.
Chaidh a phòsadh ri coitheanal Eaglais na h-Alba ann an Ceann Loch Biorbhaidh ann an 1991 far an robh e na mhinistear airson sia bliadhna. Às dèidh sin ghluais e gu Baile Eoghain agus tha e air a bhith an sin bhon uair sin. Tha ùidh mhòr aig Donaidh ann an ceòl, gu h-àraidh ceòl soisgeulach, Gàidhealach agus clasaigeach. Tha e air mòran CD- agus DVDan a thoirt a-mach. Cluichidh e fhèin iomadh seòrsa inneal-ciùil, nam measg an clarinet; inneal a tha e a' faighinn air leth freagarrach airson laoidhean agus ceòl Gàidhealach. Tha a' Ghàidhlig air a bhith na thlachd mhòr dha a-riamh agus tha e a' dèanamh iomadh oidhirp an cànan agus an ceòl a bhrosnachadh.

30 minutes

Last on

Sun 23 Jun 2024 15:00

Broadcasts

  • Sun 23 Jun 2024 09:00
  • Sun 23 Jun 2024 15:00