Main content
Sorry, this episode is not currently available

Còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill

Taghadh bho Naoi gu Deich na seachdain seo còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill. Highlights from this week's Naoi gu Deich with Cathy MacDonald.

An-diugh, cuimhneachain òige is obrach air Campa an Iar Bheinn nam Fadhla còmhla ri Seonag Nic a' Ghobhainn agus Iain MacRuairidh, is campa an airm a-nise ga leagail.

Abair gu robh moit is toileachas san Òban oidhche na Sàbaid a chaidh, nuair a ghlèidh fear de bhalaich a' bhaile prìomh dhuais goilf ann an Canada. B' esan Raibeart Mac an t-Saoir 's fhuair sinn a-mach beagan mu dheidhinn.

B' e cèiliche na seachdain, Andar Gunneberg. Rugadh e air taobh siar na Gearmailt agus b' e bu shine ann an teaghlach de shianar. Bha athair na mhinistear Lutheran 's nuair a bha Andar aona bliadhn' deug, ghluais iad a Ghlaschu, far an robh athair air a ghairm gu eaglais Gearmailteach sa bhaile. 'S ann an sin a chuala Andar a' Ghàidhlig an toiseach 's fhuair an cànan grèim air. Tha e an-diugh na dhotair ospadail anns a' Chuimrigh, far a robh Cathy a' còmhradh ris an-diugh, 's i ann am baile Chardiff.

Chùm a' chompanaidh ainmeil Dior cuirm mhòr aig Caisteal Dhrumainn ann am baile Chraoibh Diluain. Tha 70 bliadhna bho chùm iad a leithid an Alba roimhe 's bha daoin' ainmeil bho air feadh an t-saoghail an làthair, eadar cleasaichean, modailean, ealanaichean fasain is eile. Aig ceann a' phairèid, bha Brìghde Chaimbeul leis a' phìob bhig. Dh'innis i do Chathy mun tachartas agus mu cò ris a bha e coltach, cuireadh fhaighinn airson a leithid a dhèanamh. Chuala sinn cuideachd bho Chalum Iain MacLeòid a bha an làthair às leth Clò Mòr Innse Gall.

57 minutes

Last on

Sun 9 Jun 2024 12:00

Broadcast

  • Sun 9 Jun 2024 12:00