Main content
Sorry, this episode is not currently available

le Cathy NicDhòmhnaill

Còmhradh, deasbad, cultur agus cur-seachadan le Cathy NicDhòmhnaill. Conversation, discussion, culture and lifestyle chat with Cathy MacDonald.

A' comharrachadh ceithir fichead bliadhna bho D-Day le taghadh de chòmhraidhean à tasglann Radio nan Gàidheal, cluinnidh sinn na sgeulachdan pearsanta aig cuid de na laoich a bha thall 's a dh' fhulaing.

Tha sinn a' faighinn blas air biadh traidiseanta na Cuimrigh, far a bheil Fèis na Meadhanan Ceilteach a' gabhail àite an t-seachdain sa. Chaidh Coinneach Mac a' Ghobhainn a-mach gu taigh-bìdh, 's dithis acrach, Ùisdean MacLeòid agus Eòsaph Caimbeul na chois!

'S tha sinn a' cuimhneachadh an-diugh, air an fhear a bu shine sna Hearadh, Aonghas Moireasdan, a chaochail sna làithean a chaidh seachad. Bha Aonghas dà mhìos goirid air 102 bliadhna a dh'aois agus e fhathast na dhachaigh fhèin ann a Losgaintir. Nuair a bha e beagna a bharrachd air 90, chaidh Christine NicLeòid a bhruidhinn ris. Tha sinn a' cluinntinn criomag bhon chòmhradh sin an-diugh, mar chuimhneachan air Aonghas.

57 minutes

Last on

Thu 6 Jun 2024 22:25

Broadcasts

  • Thu 6 Jun 2024 09:00
  • Thu 6 Jun 2024 22:25