Main content
Sorry, this episode is not currently available

le Cathy NicDhòmhnaill

Còmhradh, deasbad, cultur agus cur-seachadan le Cathy NicDhòmhnaill. Conversation, discussion, culture and lifestyle with Cathy MacDonald.

Tha obair chruthachail nan oileanach a th' air cùrsaichean ealain UHI a Tuath agus Innse Gall am-bliadhna an-dràsta air a thaisbeanadh aig Taigh Chearsabhagh an Uibhist a Tuath. Tha Angela NicFhionghuin air sùil a thoirt timcheall.

Carson a tha ìomhaigh no cumadh nan seillean-mil ri fhaicinn cho tric air pàtarain aodaich agus air àirneis taighe? Tha an dealbhaiche-aodaich Sandra Mhoireach a' toirt sùil air carson a tha am fasan seo cho maireannach.

'S i Seonag NicAsgaill, cèiliche na seachdain. 'S ann do Phort nan Long san Eilean Sgitheanach a bhuineas Seonag ach le freumhan Hearach agus i an-diugh a' tàmh ann an Siorrachd Pheairt. Na beatha obrach, bha i a' ruith air taighean-staile air feadh na dùthcha, mar neach-sgrùdaidh. Tha i dèidheil air a bhith a' sreap nam beann agus air mòran de Na Rothaich a dhìreadh.

57 minutes

Last on

Wed 29 May 2024 22:25

Broadcasts

  • Wed 29 May 2024 09:00
  • Wed 29 May 2024 22:25