Main content

An Litir Bheag 992

Litir Bheag na seachdain sa le Ruairidh MacIlleathain. Litir àireamh 992. This week's short letter for Gàidhlig learners.

Available now

4 minutes

Last on

Sun 19 May 2024 13:30

Clip

An Litir Bheag 992

Bha mi a’ bruidhinn anns an Litir mu dheireadh mun fhacal cathair. Tha e a’ nochdadh ann an ainmean-àite air a’ Ghàidhealtachd. Uaireannan, tha e a’ seasamh airson ‘chair’ no ‘seat’. Ann an meadhan Earra-Ghàidheal, tha Cathair Dhonncha Dhuibh tuath air an Fhùirneis. Tha an t-Suirbhidh Òrdanais ag ràdh gur e ‘rude seat’ a tha ann. Bha a’ chathair air a cruthachadh le fear Donncha Dubh. Bha Donncha na chìobair.

Ann an Àird nam Murchan, tha druim air a bheil Cathair Mhic Dhiarmaid. Tha sin a’ ciallachadh MacDiarmad’s seat or stronghold. Ach cò bha anns an duine sin? Chan eil mi cinnteach.

Tha am facal ²õì³Ù³ó±ð²¹²Ô cumanta air feadh na Gàidhealtachd. Tha e aithnichte mar àite far am biodh sìthichean a’ fuireach. Ach, air taobh an iar Siorrachd Rois, nochdaidh cathair airson an dearbh rud. Ma bheir sibh sùil air mapa de sgìre Gheàrrloch, chì sibh Portaigil no Port Henderson. Deas air a’ bhaile, tha A’ Chathair Dhubh ‘the black fairy knoll’.

Cuideachd ann an Ros an Iar, faisg air An Leathad, tha loch ann air a bheil Loch na Cathrach Duibhe. Tha sin a’ ciallachadh ‘the loch of the black fairy knoll’.

Tha am facal cathair, mar as trice, boireanta. Ach bidh e a’ nochdadh an siud ’s an seo mar fhacal fireanta. Tha eisimpleir ann an Ros an Ear, faisg air Baile Dhubhthaich. ’S e sin Cnoc an Dubh Chathair. Tha an t-ainm a’ ciallachadh ‘the hill of the black chair’.Ìý

Ma chì sibh am facal cathair air mapaichean na Gàidhealtachd, dèanaibh cinnteach nach eil stràc air a’ chiad ‘a’. Ma tha stràc ann, tha facal eadar-dhealaichte agaibh. ’S e sin ³¦Ã ³Ù³ó²¹°ù, le ‘-ar’ aig an deireadh. Tha e a’ ciallachadh ‘boggy place’. °äà³Ù³ó²¹°ù. Bidh e a’ nochdadh anns an tuiseal ghinideach – the genitive case – le ‘-air’ aig an deireadh. Tha eisimpleir ann an ainm-àite ann an Gleann Moireasdain – Druim a’ Chàthair. Tha sin a’ ciallachadh ‘the ridge by the boggy ground’. Tha a’ chiad ‘a’ fada agus tha am facal fireanta. Druim a’ Chàthair.

Cathair agus ³¦Ã ³Ù³ó²¹°ù. Tha na stràcan cudromach ann an Gàidhlig, nach eil?

The Little Letter 992

I was speaking in the last Litir about the word cathair. It appears in place names in the Highlands. Sometimes it stands for ‘chair’ or ‘seat’. In Mid-Argyll there is Cathair Dhonncha Dhuibh [‘black-haired Duncan’s seat’] north of Furnace. The Ordnance Survey says that it is a ‘rude seat’ The seat was created by a certain black-haired Duncan. Duncan was a shepherd.

In Ardnamurchan there is a ridge called Cathair Mhic Dhiarmaid. That means ‘MacDiarmad’s seat or stronghold’. But who was that man? I’m not sure.

The wòrd ²õì³Ù³ó±ð²¹²Ô is common throughout the Highlands. It is recognised as a place where fairies would be living. But in Wester Ross, cathair appears for exactly the same thing. If you look at a map of the Gairloch area, you’ll see Portaigil or Port Henderson. South of the village, there is A’ Chathair Dhubh ‘the black fairy knoll’.

Also in Wester Ross, near Laide, there is a loch called Loch na Cathrach Duibhe. That means ‘the loch of the black fairy knoll’.

The word cathair is usually feminine. But it appears here and there as a masculine word. There is an example in Easter Ross, near Tain. That is Cnoc an Dubh Chathair. The name means ‘the hill of the black chair’.

If you see the word cathair on maps of the Highlands, make sure there is no accent on the first ‘a’. If there is an accent, you have a different word. That is ³¦Ã ³Ù³ó²¹°ù, with ‘-ar’ at the end. It means ‘boggy place’. °äà³Ù³ó²¹°ù. It appears in the genitive case with ‘-air’ at the end. There is an example in a place name in Glenmoriston – Druim a’ Chàthair. That means ‘the ridge by the boggy ground’. The first ‘a’ is long and the word is masculine. Druim a’ Chàthair.

Cathair and ³¦Ã ³Ù³ó²¹°ù. The accents are important in Gaelic, aren’t they?

Broadcast

  • Sun 19 May 2024 13:30

All the letters

Tha gach Litir Bheag an seo / All the Little Letters are here.

Podcast: An Litir Bheag

The Little Letter for Gaelic Learners

An Litir Bheag air LearnGaelic

An Litir Bheag is also on LearnGaelic (with PDFs)

Podcast