Main content
Sorry, this episode is not currently available

Còmhla ris an Urr Seumas MacÌomhair

Seirbheis Ghàidhlig còmhla ris an Urr Seumas MacÌomhair, an Eaglais Shaor. Gaelic service condcuted by retired Stornoway Free Church Minister, the Rev James MacIver.

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 20: 5-6 air fonn Montrose agus ‘s e Iain Eachann MacLeòid a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba an Ùige, Leòdhais.

Salm 65: 4-5 air fonn St David agus ‘s e an t-Urr Seumas Dòmhnallach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Gharaboist.

Salm 20: 16-17 air fonn Torwood agus ‘s e Iain Moireach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Chille Brìde an Ear.

Leughadh: Eòin 3: 1-18
Eòin 3: 1-3

'S ann do sgìre Thunga ann an Leòdhas a bhuineas an t-Urr MacÌomhair agus tha e na mhinistear ann an Eaglais Shaor Steòrnabhaigh. Bha e roimhe sin ann an Eaglais Shaor a' Chnuic, An Rubha agus ann an Eaglais Shaor Chille Bhrìghde an Ear ann an Glaschu. Bha e na mhodaràtair air Àrd-sheanadh na h-Eaglaise Saoire ann an Dùn Èideann ann an 2011.

Chaidh an t-Urr MacÌomhair na òige a Bhun-sgoil Thunga agus às a sin, chaidh e gu Sgoil MhicNeacail, Oilthigh Ghlaschu, Oilthigh Lunnainn agus Colaiste na h-Eaglaise Saoire.

Tha e pòsta aig Donna agus tha triùir a theaghlach aca agus sianar oghaichean. Nuair a gheibh e ùine dha fhèin, bidh e ag èisteachd ri ceòl clasaigeach, a' cluich goilf agus a' leughadh.

Leig Mgr MacÌomhair dheth a dhreuchd mar mhinistear air coitheanal Eaglais Shaor Stèornabhaigh san Ògmhios am-bliadhna.

30 minutes

Broadcasts

  • Sun 19 May 2024 09:00
  • Sun 19 May 2024 15:00
  • Sun 15 Sep 2024 09:00
  • Sun 15 Sep 2024 15:00