Main content
Sorry, this episode is not currently available

Còmhla ri Iain Eàirdsidh Mac a' Mhaoilein

Seirbheis Ghàidhlig còmhla ri Iain Eàirdsidh Mac a' Mhaoilein. John Archie MacMillan conducts this week's Gaelic Sunday service.

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na laoidhean agus an leughadh a leanas:
Màiri C NicNèill a' seinn, Èirigh Bileag Ùr Ghorm
Cairistìona Cheannadach cuide ris a' choitheanal ann an Eaglais Naomh Eòin, Peairt aig Seirbheis a' Mhòid ann an 2022
Calum Ailig Mac a' Mhaoilein a' seinn, An Criosd' a-mhàin
Mairi NicAonghais a' seinn, Co-threòir

Leughadh: Lùcas 24: 108

Rugadh agus thogadh Iain Eàirdsidh ann an Cill Donain ann an Uibhist a Deas agus chaidh e dhan sgoil an sin agus an Dalabrog. Às an sin, chaidh e gu Colaiste Blairs ann an Obar Dheathain agus à sin gu Colaiste Rìoghail na Sagartachd anns an Spàinn airson sia bliadhna. Thàinig e a-mach na shagart anns an Ògmhios 1971. Bha e na shagart ann an Dùn Òmhain, Eilean Bhòid, Dalabrog agus Èirisgeigh.

Bha Iain Eàirdsidh cuideachd ag obair mar Oifigear Leigheis-inntinn ann an Lodainn an Iar a' cuideachadh dhaoine le trioblaidean inntinn agus ag oideachadh 's a' toirt comhairle do dhaoine eile ann a bhith a' dèiligeadh ri daoine le trioblaidean inntinn. Tha e a-nis air a dhreuchd làn-ùine a leigeil seachad ach fhathast ag obair làitheachan gus an leig e dheth a dhreuchd gu cinnteach.

Tha e a' fuireach ann an Ceann a Deas Drochaid na Banrigh cuide ri bhean, Màiri. Tha balach agus nighean aca, Harriet agus Mata.

Nuair a bhios ùine aige dha fhèin, 's toigh leis a bhith siubhal a-null thairis, gu h-àraid dhan Eadailt far a bheil taigh aca ann am baile beag iomallach. Air a shlighe a dh'obair, bhiodh e ag èisteachd ri clàraidhean den chànan Eadailtis 's a' feuchainn ri gnìomhairean Eadailtis ionnsachadh, ach gu mì-fhortanach bidh an fheadhainn Eadailteach agus Spàinnteach a' dol an lùib a chèile gu math tric, ach tha e còrdadh ris gu mòr a bhith dèanamh seo. Bidh e cuideachd a' cur ùine seachad air a' chùrsa golf agus a' dèanamh thòimhseachain-tarsainn agus ag eadar-theangachadh pìosan beaga an siud 's an seo dhan Ghàidhlig agsu a sgrìobhadh bàrdachd spioradail.

Bidh Iain Eàirdsidh cuideachd a' searmonachadh aig na seirbheisean Gàidhlig ann an Eaglais nam Manach Liath ann an Dùn Èideann.

30 minutes

Last on

Sun 21 Apr 2024 15:00

Broadcasts

  • Sun 21 Apr 2024 09:00
  • Sun 21 Apr 2024 15:00