Còmhla ri Mgr Ros Crichton
Seirbheis na CÃ isge le Mgr Ros Crichton, sagart air Paraiste Ceann a Deas Uibhist 's Eirisgeidh. Easter Service with Fr Ross Crichton, parish priest South End of Uist and Eriskay.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sinn na laoidhean agus na leughaidhean a leanas:
Gloria air a sheinn le Còisir Eaglais Naomh Barr ann am Barraigh
Èiridh Bileag Ùr Ghorm le Mà iri Catrìona NicNèill
Còisir Eaglais Naomh Mhìcheil ann an Eirisgeidh a’ seinn Dh’fhà g Thu Sìth
Julie NicPhaidein le taic bho Mhà irianna NicUalraig a’ seinn Cia Domhainn Grà dh an Athar Dhuinn
Leughaidhean:
A' chiad leughadh bho leabhar Ecsodus 3: 1-15
Soisgeul Luc 24: 1-12 & Marcus 16: 3 & 1: 15
"Rugadh Mgr. Ros Crichton ann an Glaschu, agus tha ceanglaichean-teaghlaich là idir aige ri Earra-Ghà idheal, Loch Abar agus Inbhir Nis air taobh a mhà thar. Rinn e ceum ann an Ceiltis aig Oilthigh Ghlaschu mus deach e don Ròimh far an do chuir e seachad còig bliadhna a’ dèanamh ceuman ann am Feallsanachd agus Diadhachd aig an Oilthigh Gregoriana. Chaidh e an uair sin don Fhrà ing gus ceum a dhèanamh ann an Lagh Cananach. Chaidh òrdachadh na shagart san Òban ann an 2005 agus thill e don Fhraing far an robh e na shagart-cuideachaidh fad bliadhna anns a’ pharaiste St. Francois de Sales ann am Pairios, fhad ’s a bha e a’ cur crìoch air a cheum ann an Lagh. A’ tilleadh a dh’Alba ann an 2006, bha e greis ann am Paraiste Naomh Mhoire anns a’ Ghearastan mus do ghluais e do Bheinn na Faoghla aig deireadh na bliadhna sin. An dèidh deich bliadhna na shagart-paraiste ann an Grìminis, chaidh ainmeachadh na shagart-paraiste do Pharaiste Naomh Mhìcheil an Eirisgeidh ann an 2016 agus Paraiste Naomh Pheadair, Uibhist a Deas, ann an 2017. Aig an aon à m, chaidh iarraidh air obair a dhèanamh gus leabhar-ùrnaigh agus laoidheadair ùr a chur an clò agus eadar-theangachadh ùr a chruthachadh airson teacsaichean sà cramaideach na h-Eaglaise: obair a tha a’ leantainn fhathast ach aig ìre gu math adhartach. Tha e cuideachd na iar-cheann-suidhe air am Fondation Catholique Ecossaise a tha a’ rianachadh bhursaraidhean do dh’oileanaich Albannach a tha ag ionnsachadh Fraingis no Diadhachd ann am Pairios. Tha obair am Fondation a’ dol air ais 700 bliadhna don 14mh linn; ceangal eachdraidheil eadar an dà dhùthaich a tha beò fhathast agus na thlachd do Mhgr. Ros a bhith an sàs ann on a bha e fhèin na neach-tairbhe fon sgeama seo."
Last on
More episodes
Mgr Ros Crichton
Mgr Ros Crichton
Broadcasts
- Sun 31 Mar 2024 09:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Sun 31 Mar 2024 15:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal