Main content
Sorry, this episode is not currently available

le Cathy NicDhòmhnaill

Sùil air colbhan-beachd nam pàipearan-naidheachd bhon deireadh-sheachdain. Guests review some of the weekend's newspaper columns.

'S iad Pàdraig MacAoidh agus Iain MacDiarmaid a tha a' toirt sùil air na colbhan-beachd bho phàipearan na deireadh-sheachdain.

Bha Seona NicIlleFhionndaig aig Fèis Film Ghlaschu air an deireadh-sheachdain, 's bidh i a' toirt cunntas air cuid de na bha dol.

B' e neach-ealain ainmeil Aimeireaganach a bh' ann an John Singer Sargent (1856-1925). Chruthaich e còrr math air 3000 dealbh na latha 's bha na portraidean a bh' air am peantadh le ola sònraichte ainmeil. Glè thric, bha iad sin stèidhichte air stoidhle dhaoin' uasal. Tha 60 dhiubh sin rim faicinn ann an Gailearaidh Tate Bhreatainn ann an Lunnainn an-dràsta, an cois trusgain bhon àm fhèin. Chaidh Sandra Mhoireach air chuairt ann. Dè shaoil i agus carson a bha Singer Sargent cho ainmeil?

57 minutes

Last on

Mon 4 Mar 2024 22:25

Broadcasts

  • Mon 4 Mar 2024 09:00
  • Mon 4 Mar 2024 22:25