Main content
Sorry, this episode is not currently available

le Cathy NicDhòmhnaill

A bheil ùidh às ùr a' nochdadh ann an Comainn Ghàidhlig Ghlaschu? Cathy chats to folk from Glasgow's various Gaelic Associations about a burgeoning interest in membership.

Chùm Comann Mhuile 's Eilean Ì an cruinneachadh aca - a' chiad chuirm dhen bhliadhna - Disathairne a chaidh. Ach dè cho soirbheachail 's a tha na comainn ann an Glaschu sa là a th' ann? Tha Cathy ann an còmhradh ri riochdairean bho chuid de na comainn mun t-slighe air adhart.

Tha Coinneach MacLeòid, a bhios a' cruinneachadh 's a' reic irisean is leabhraichean, air ais còmhla rinn le sùil air an iris Eilean an Fhraoich. Nochd a' chiad iris, fo stiùir Gasaet Steòrnabhaigh, ann an 1951. Tha Coinneach air taghadh a dheànamh de chriomagan is aithrisean a tharraing aire fhèin.

Fèilidhean agus sliopairean le dealbh losgainn orra - dà rud a nochd aig Seachdain Fasan Lunnainn am-bliadhna. Tha 40 bliadhna dhen t-Seachdain ga chomharrachadh an-dràsta 's tha an dealbhaiche, Sandra Mhoireach a' toirt sùil air dè an còrr a bha ri fhaicinn.

Tha Patsi NicChoinnich air ais leis an t-sreath aice mu leabhraichean-latha agus sinn a' comharrachadh gu bheil 80 bliadhna am-bliadhna bho sgrìobh Anne Frank na briathran mu dheireadh san leabhar-latha aice fhèin. Tha Patsi, gach mìos, a' dèanamh a taghadh fhèin de leabhar a tha stèidhichte air leabhar-latha agus an-diugh tha i a' toirt sùil air The Alan Clark Diaries.

57 minutes

Last on

Thu 22 Feb 2024 22:25

Broadcasts

  • Thu 22 Feb 2024 09:00
  • Thu 22 Feb 2024 22:25