Sgeulachdan Dhòmhnaill Phà draig
'S iad sgeulachdan Dhòmhnaill Phà draig à Aileag a thagh Jo NicMhèinn às an tasglann. Joanna MacMinn chooses a programme from the archives to mark 100 years of Gaelic broadcasting.
Le 100 bliadhna ann bho chaidh a' Ghà idhlig a chraoladh air a' BhBC airson a' chiad uair, tha craoladairean Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal a' là an-diugh a' dèanamh taghadh de phrògraman dhuinn ann an Chuala Mi.
'S iad sgeulachdan cloinne bhon phrògram Aileag a thagh Jo NicMhèinn às an tasglann dhuinn son a' phrògram mu dheireadh san t-sreath.
Aig toiseach nan 90an, leugh Flòraidh NicIllEathain, nach maireann, Sgeulachdan Dhòmhnaill Phà draig do chloinn air feadh na rìoghachd air a' phrògram Aileag. B' i Seonag Monk a sgrìobh iad, agus thug guthan Flòraidh iad beò dhuinn - eadar Dòmhnall Phà draig fhèin, am balach beag a bha an-còmhnaidh an-sàs ann an amaideas is plòigh, agus na tidsearan, caraidean, is caractaran eile a bha mun cuairt air.
Tha cuimhne mhath aig Jo orra mar eisimpleir air cho eirmseach, inntinneach, tarraingeach is a dh'fhaodadh rèidio agus craoladh Gà idhlig a bhith. Agus nach math an cothrom èisteachd ri deagh sgrìobhadh is deagh aithris an-diugh - is iad a cheart cho èibhinn is a bha iad nuair a chaidh an craoladh an toiseach.
Last on
Broadcasts
- Mon 29 Jan 2024 15:30Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Wed 31 Jan 2024 20:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Sun 4 Feb 2024 10:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal