Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1265
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir à ireamh 1265. Roddy Maclean reads this week's letter for Gà idhlig learners.
Last on
Sun 15 Oct 2023
13:55
Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
More episodes
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 961
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1265
Duration: 05:00
Litir 1265: Alasdair III, Rìgh na h-Alba (2)
An t-seachdain sa chaidh, bha mi ag innse dhuibh mun bhanais aig Alasdair III, Rìgh na h-Alba, ann an dà cheud deug, caogad ʼs a h-aon (1251). Cha robh e ach deich bliadhna a dh’aois.Â
Bha Eanraig III, Rìgh Shasainn, a’ feuchainn ri buaidh a thoirt air riaghladh na h-Alba – a bha fo thà naisteachd, no comhairle riaghlaidh. Nuair a bha Alasdair ceithir-deug, dh’aontaich e ri ballrachd na comhairle a bha a’ sà sachadh Eanraig. Bhiodh an t-aonta sin a’ ruith airson seachd bliadhna, gus an robh Alasdair na inbheach aig aois bliadhna air fhichead.
Mus do rà inig e an aois sin, ge-tà , chaidh Alasdair agus a bhean, Mairead, air turas a Shasainn airson tadhal air a’ chùirt rìoghail. Bhiodh cothrom aig Mairead cuideachd tadhal air a pà rantan – an Rìgh agus a’ Bhanrigh – ann am Windsor. Bha Mairead an dùil leanabh mus do dh’fhà g i Alba. Sgrìobh Eanraig litir gu Alasdair, a’ gealltainn gum biodh iad uile, agus an leanabh, saor a dhol dhachaigh an dèidh an turais. Eadhon nam faigheadh Alasdair bà s, bhiodh an leanabh saor a dhol a dh’Alba.
Dh’fhalbh Alasdair dhachaigh, a’ fà gail a mhnà ann am Windsor. Rugadh leanabh-nighinne an sin air an ochdamh latha fichead dhen Ghearran, dà cheud deug, seasgad ʼs a h-aon (1261). Chuireadh Mairead oirre mar ainm.Â
Nuair a rà inig Alasdair aois bliadhna air fhichead, thuirt e gun robh e a’ dol a leantainn air obair athar ann a bhith a’ toirt nan Eilean Siar air ais fo smachd Cùirt Rìoghail na h-Alba. Na aghaidh bha Rìgh Nirribhidh, Hákon IV, a bha airson na h-Eileanan Siar a chumail fo a smachd fhèin – a bharrachd air Eilean Mhanainn agus dùthchannan eile ann an ceann an iar-thuath na h-Alba.
Bha Hákon am measg nan rìghrean a bu chumhachdaiche a bha riamh aig Nirribhidh. Bha e air a bhith air an rìgh-chathair airson còrr is ceathrad bliadhna. Bha cabhlach mòr, cumhachdach aige. Bha e eòlach air a’ Phà p agus air Ìmpire Naomh na Ròimhe, a bharrachd air rìghrean is ceannardan air feadh na Roinn Eòrpa.
Ach cha robh Alasdair gann de mhisneachd. Chuir e fios gu Hákon gun robh e ag iarraidh eileanan taobh siar na h-Alba a bhith fo smachd Rìgh na h-Alba. Dhiùlt Hákon an tagradh. Thug Iarla Rois ionnsaigh mharbhtach air coimhearsnachd anns an Eilean Sgitheanach. Bha e ag obair às leth Rìgh Alasdair. Chaidh aithris mun chùis gu ruige Hákon ann am Bergen.
Bha feadhainn eile ag obair às leth Alasdair ann an Earra-Ghà idheal cuideachd. Dh’fheuch Eanraig, Rìgh Shasainn, ris an dà thaobh a thoirt gu rèite. Sgrìobh e gu Hákon agus Alasdair, ag iarraidh orra gun a dhol gu cogadh.
Ge-tà , bha a’ chùis air a dhol ro fhada. Chan e a-mhà in gun robh Alba a’ toirt dùbhlan do Nirribhidh, aig à m nuair a bha an rìoghachd Lochlannach aig à irde a cumhachd, ach bha Alasdair a’ toirt dùbhlan pearsanta do Hákon cuideachd. Dh’òrdaich Hákon gum biodh cabhlach mòr, cumhachdach air a chur ri chèile airson ionnsaigh a thoirt air cabhlach na h-Alba.
Thairis air a’ gheamhradh ann an dà cheud deug, seasgad ʼs a dhà , agus seasgad ʼs a trì (1262-3), chaidh an cabhlach Lochlannach a chur ri chèile. Bhiodh e a’ coinneachadh ri cabhlach na h-Alba an ceann grunn mhìosan faisg air an Leargaidh Ghallda.Â

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: Alasdair III: Alexander III; inbheach: adult; leanabh-nighinne: baby girl; obair athar: his father’s work; Nirribhidh: Norway; Iarla Rois: Earl of Ross; ionnsaigh mharbhtach: deadly attack; às leth: on behalf of; Earra-Ghà idheal: Argyll; dùbhlan: challenge; an Leargaidh Ghallda: Largs.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: a bha fo thà naisteachd, no comhairle riaghlaidh: that was under a regency or governing council; dh’aontaich e ri ballrachd na comhairle a bha a’ sà sachadh Eanraig: he agreed to a council membership that was satisfying Henry; bha Mairead an dùil leanabh mus do dh’fhà g i Alba: Mairead was expecting a child before she left Scotland; a’ gealltainn gum biodh iad saor a dhol dhachaigh: promising that they would be free to go home; eadhon nam faigheadh Alasdair bà s: even if Alasdair were to die; air an ochdamh latha fichead dhen Ghearran: on 28 February; chuireadh Mairead oirre mar ainm: she was named Margaret; ann a bhith a’ toirt nan Eilean Siar air ais fo smachd Cùirt Rìoghail na h-Alba: in returning the Wester Isles to the control of the Scottish Court; a bharrachd air Eilean Mhanainn agus dùthchannan eile ann an ceann an iar-thuath na h-Alba: in addition to the Isle of Man and other countries in the north-west of Scotland; am measg nan rìghrean a bu chumhachdaiche: among the most powerful kings; bha e eòlach air a’ Phà p agus air Ìmpire Naomh na Ròimhe: he knew the Pope and the Holy Roman Emperor; cha robh Alasdair gann de mhisneachd: Alexander did not lack courage; gu ruige Hákon ann am Bergen: to Hákon in Bergen; dh’fheuch Eanraig, Rìgh Shasainn, ris an dà thaobh a thoirt gu rèite: Henry, the King of England, tried to bring both sides to an accommodation; ag iarraidh orra gun a dhol gu cogadh: wanting them not to go to war; aig à irde a cumhachd: at the height of its [her] power; thairis air a’ gheamhradh: over the winter.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: a’ fà gail a mhnà ann am Windsor: leaving his wife in Windsor. The possessive article a works like a definite article (a’) grammatically so the rule of a noun commanded by a verbal noun (a’ fà gail) going into the genitive case fully applies. The genitive singular of bean ‘wife’ is ³¾²Ôà (the word declines irregularly). It is lenited by the possessive masculine third person possessive article (pronoun).
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: aig aois bliadhna air fhichead: at the age of 21 years.
Broadcast
- Sun 15 Oct 2023 13:55Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.