Main content

Litir do Luchd-ionnsachaidh 1262

Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir àireamh 1262. Roddy Maclean reads this week's letter for Gàidhlig learners.

Available now

5 minutes

Last on

Sun 24 Sep 2023 13:55

Clip

Litir 1262: An Dreathan-donn (2)

Bha mi ag innse sgeul mun Dreathan-donn. Bha an tuathanach air a lurgainn fhèin a bhriseadh. Cha b’ urrainn dha èirigh.

Thàinig balaich ²¹-²ú³óà²Ô ga lorg. Thug iad am bodach ²¹²Ô-ྱ°ù»å±ð don taigh air cuibhrig. Chuir iad air an leabaidh e. Bha an leabaidh ri taobh na h-uinneig.

Thàinig an dreathan-donn ²¹²Ô-ྱ°ù»å±ð on chladach. Bha an crodh agus an tarbh ag ithe anns a’ phàirc. Chaidh an dreathan chun an tairbh. ‘Chan eil mòran agad ri ithe, a bhròinein,’ thuirt e ris. ‘Agus gu leòr aig do mhaighstir anns an t-sabhal.’

‘Tha sin ceart,’ dh’aontaich an tarbh, ‘ach chan fhaigh mi thuige.’

‘Nach cuir thu do dhà adharc fon doras,’ ars an dreathan-donn, ‘agus an doras a thogail far nam banntaichean.’

‘Cha chreid mi nach e sin a nì mi,’ thuirt an tarbh. Agus anns an dòigh sin, dh’fhosgail e doras an t-sabhail. Chaidh an tarbh agus an crodh a-steach agus dh’ith iad a h-uile dad a bh’ ann – snèipean, coirce, feur – gus an do sgàin iad. Bha iad marbh. 

Mu dheireadh thall, thàinig an dreathan-donn a-steach. Bha galla ann, agus cuileanan aice. ‘Ò, a bhròineag,’ thuirt e ris a’ ghalla, ‘tha an t-acras ort.’

‘Tha, tha an t-acras orm,’ dh’aontaich a’ ghalla.

‘Uill,’ ars esan, ‘ma nì thu aon rud dhòmhsa, bheir mi dhut biadh gu leòr.’

‘Dè nì mi dhut?’ ars a’ ghalla.

‘Ma mharbhas tus’ am madadh a mharbh a’ chaorag,’ thuirt e, ‘bheir mi dhut feòil gu leòr.’ Dh’iarr an dreathan-donn air a’ ghalla fuireach aig doras saobhaidh a’ mhadaidh-ruaidh. Chuireadh esan am madadh a-mach air car meallta, agus bhiodh a’ ghalla ga mharbhadh.

Chaidh an dreathan-donn don t-saobhaidh. ‘Och och,’ thuirt e ris a’ mhadadh-ruadh, ‘nach eil thu cianail ann a sin? Tha biadh gu leòr a-muigh an seo.’

‘Cuiridh mi geall gu bheil,’ ars am madadh.

‘Tha fhios a’m gu bheil,’ fhreagair an dreathan-donn.

‘Ma tha,’ ars am madadh-ruadh, ‘thig mi a-mach agus gheibh mi mo chuid dheth.’ Thàinig am madadh a-mach às an t-saobhaidh agus mharbh a’ ghalla e.

‘Uill, uill,’ thuirt an dreathan-donn ris a’ ghalla, ‘ma thèid thu ²¹-²ú³óà²Ô don chladach, chì thu each an sin a chaidh a mharbhadh an-diugh. Gheibh thu do leòr de bhiadh.’

‘Tha mi a’ creidsinn gum faigh,’ thuirt a’ ghalla. Chaidh i ²¹-²ú³óà²Ô gu far an robh an t-each marbh agus fhuair i feòil gu leòr.

Bha a-nis an dreathan-donn ann agus an oidhche sin, ʼs e oidhche cur-cathaidh a bh’ ann. Thachair gun robh uinneag a’ bhodaich fosgailte. Nuair a bha an dreathan-donn faisg, shèid a’ ghaoth a-steach e. Rug am bodach air. ‘Aha!’ thuirt e, ‘cha chreid mi nach d’ fhuair mi a-nis thu!’

‘Leig às mi,’ thuirt an dreathan-donn. ‘Tha meall òir agam fo mo sgiath dhut. Ma dh’fhosglas tu do làmh, bheir mi dhut e.’

Rinn e sin agus chac an dreathan-donn air a làimh. Leum an t-eun a-null dhan dreasair. Dh’èirich am bodach agus thog e cromag. Leum an dreathan-donn a-null don sgeilp agus don mhantelpiece. Bha am bodach a’ briseadh a h-uile dad a bh’ ann leis a’ chromaig. Chan eil fhios agams’ nach eil iad mar sin fhathast – an seann tuathanach agus an dreathan-donn!

Faclan na Litreach

Faclan na Litreach: dreadhan-donn: wren; cuibhrig: bedcover; snèipean: turnips; coirce: oats; feur: hay; saobhaidh: animal (fox) den; oidhche cur-cathaidh: a night of snowing and blizzarding; dreasair: dresser; cromag: shepherd’s crook.

Abairtean na Litreach

Abairtean na Litreach: Bha an tuathanach air a lurgainn fhèin a bhriseadh: the farmer had broken his own shank; cha b’ urrainn dha èirigh: he couldn’t get up; bha an leabaidh ri taobh na h-uinneig: the bed was next to the window; bha an crodh agus an tarbh ag ithe anns a’ phàirc: the cows and the bull were eating in the field; chan eil mòran agad ri ithe, a bhròinein: you don’t have much to eat, you poor (masculine) thing; agus gu leòr aig do mhaighstir anns an t-sabhal: and your master has plenty in the barn; ach chan fhaigh mi thuige: but I can’t get to it; nach cuir thu do dhà adharc fon doras: won’t you put your two horns under the doors; agus an doras a thogail far nam banntaichean: to lift the door from the hinges; cha chreid mi nach e sin a nì mi: I reckon that’s what I’ll do; gus an do sgàin iad: until they split open; bha galla ann, agus cuileanan aice: there was a bitch with puppies; ò, a bhròineag, tha an t-acras ort: oh, poor (feminine) thing, you are hungry; ma mharbhas tus’ am madadh a mharbh a’ chaorag: if you kill the fox that killed the wee sheep; chuireadh esan am madadh a-mach air car meallta: he would put out the fox with a trick; nach eil thu cianail ann a sin?: aren’t you in a bad way there?; cuiridh mi geall gu bheil: I bet there is; chì thu each an sin a chaidh a mharbhadh an-diugh: you will there see a horse that was killed today; shèid a’ ghaoth a-steach e: the wind blew him in; leig às mi: release me!; tha meall òir agam fo mo sgiath dhut: I have a lump of gold for you under my wing; chac an dreathan-donn air a làimh: the wren defecated on his hand.

Puing-chànain na Litreach

Puing-chànain na Litreach: Thàinig balaich ²¹-²ú³óà²Ô ga lorg. Thug iad am bodach ²¹²Ô-ྱ°ù»å±ð don taigh: lads came down to find him. They took the old man up to the house. The use of ²¹-²ú³óà²Ô for ²õì´Ç²õ and ²¹²Ô-ྱ°ù»å±ð for suas is a feature of the Gaelic of Sutherland and Ross-shire.

Gnàthas-cainnt na Litreach

Gnàthas-cainnt na Litreach: Gheibh thu do leòr de bhiadh: you’ll get your sufficiency of food.

Broadcast

  • Sun 24 Sep 2023 13:55

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)

All letters

Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Letter To Gaelic Learners

Podcast