Main content
Sorry, this episode is not currently available

Rothaireachd ann an Tròndairnis

Kerr Gibb agus Aonghas Moireach ri rothaireachd Sgitheanach le Coinneach Mac a' Ghobhainn. Kerr Gibb and Angus Murray join Coinneach Smith for a cycle tour in Skye.

Tro sheachdainean an t-samhraidh, tha cothrom air a bhith aig Coinneach Mac a' Ghobhainn a dhol a-mach air diofar chuairtean ann an ceàrnaidhean eadar-dhealaichte dhen dùthaich.

Anns a' phrògram mu dheireadh dhen t-sreath, 's ann ri rothaireachd a tha sinn anns an Eilean Sgitheanach cuide ri Aonghas Moireach agus Kerr Gibb, dithis a tha gu math eòlach air a bhith air dà chuibhle air rathaidean Thròndairnis. Ach ciamar a thèid dha Coinneach is e a' feuchainn ri baidhsagal dealain a chleachdadh?

'S iomadh sealladh is cuspair air an tog iad nan triùir. A' tòiseachadh aig taigh Aonghais ann am Flòdaigearraidh, dìridh iad bealach na Cuith-Raing agus nì iad cearcall dhen rathad mu thuath - a' beachdachadh air ainmean-àite, neart na coimhearsnachd sa cheàrnaidh sa, na làraich eachdraidheil a chìthear agus na tha a' tàladh Aonghas agus Kerr gu rothaireachd mar chur-seachad.

30 minutes

Last on

Christmas Day 2023 11:30

Broadcasts

  • Mon 25 Sep 2023 15:30
  • Wed 27 Sep 2023 20:00
  • Sun 1 Oct 2023 10:00
  • Christmas Day 2023 11:30