Cnoc Na Leargaidh Ghallta
A' dìreadh A' Chnuic air iomall na Leargaidh Ghallta còmhla ri Gary Fearghastan. Gary Ferguson guides us up Knock Hill outside Largs.
Tro sheachdainean an t-samhraidh, tha cothrom air a bhith aig Coinneach Mac a' Ghobhainn a dhol a-mach air diofar chuairtean ann an ceà rnaidhean eadar-dhealaichte dhen dùthaich.
Anns a' phrògram seo tha e a' gabhail cuairt a-mach gu na cnuic air iomall na Leargaidh Ghallta. 'S ann sa bhaile sin a tha Gary Fearghastan a' fuireach, ach tha e an dùil cuairt gu math nas fhaide a dhèanamh thall-thairis - a bheanntan Shìona, Mongolia, agus na Ruis ann an 2024. Ach 's ann sna cnuic agus na beanntan faisg air baile-à raich fhèin a tha e a' dèanamh mòran dhen trèanadh aige.
Tha Coinneach a' gabhail sgrìob suas aon chnoc air taobh a-muigh a' bhaile mar phà irt dhen trèanadh sin, agus a' cluinntinn mu na h-adhbharan pearsanta a th' aig Gary a bhith a' coiseachd is a' sreap air feadh an t-saoghail airson carthannas, agus mar a tha a bhith a-muigh sna beanntan na chuideachadh is na chùl-taic dhà san gu pearsanta. Sin, agus cothrom an tuilleadh a chluinntinn mun sgìre aige fhèin, sgìre air a bheil e gu math dèidheil agus eòlach.
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Mon 28 Aug 2023 15:30Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Wed 30 Aug 2023 20:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Sun 3 Sep 2023 10:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal