Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1235
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir à ireamh 1235. Roddy Maclean reads this week's letter for Gà idhlig learners.
Last on
Sun 19 Mar 2023
13:55
Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
More episodes
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 931
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1235
Duration: 05:00
Litir 1235: Saobh-chrà bhaidhean Gà idhealach
Airson beagan sheachdainean, tha sinn air a bhith ann an cuideachd seann mhinistear Chalasraid, an t-Urramach Seumas MacDhonnchaidh. No, mar a tha mi dìreach air faighinn a-mach – an t-Ollamh Urramach Seumas MacDhonnchaidh. Tha mi a’ gealltainn gum bi sinn a’ leigeil soraidh leis an-diugh. Ach, mus leig, bidh sinn a’ tadhal air aon turas eile.Â
Ann an seachd ceud deug, naochad ʼs a h-aon (1791) sgrìobh am ministear litir gu Seumas Druimeanach, Iarla Pheairt. B’ e cuspair na litreach saobh-chrà bhaidhean Gà idhealach, gu sònraichte à Siorrachd Pheairt. Bha bean an Iarla air sgrìobhadh don mhinistear, ag iarraidh air innse dhi mu shaobh-chrà bhaidhean nan Gà idheal. Bha sin an dèidh dha a bhith a’ tadhal orra ann an Caisteal an Druimein – an dachaigh aca faisg air Maothail. Feumaidh gun robh am ministear ag innse dhaibh mu chleachdaidhean agus deas-ghnà than nan Gà idheal co-cheangailte ri Oidhche Shamhna.
Dh’inns mi dhuibh an t-seachdain sa chaidh mu dhòigh a bh’ aig daoine òga faighinn a-mach cò bha iad a’ dol a phòsadh. Bha iad a’ criathradh airgead ann an sabhal. Uill seo agaibh dòigh eile.
Air Oidhche Shamhna, bhiodh duine a’ dol don fhaing agus gheibheadh iad clòimh o chaora dhubh. Bhiodh iad a’ snìomh na clòimhe gun a bhith a’ bruidhinn ri duine sam bith eile. Bhiodh ceirsle aca an uair sin. Bhiodh iad a’ falbh leis a’ cheirsle gu à th far am biodh daoine a’ tiormachadh grà n agus biadh eile.Â
Bhiodh iad a’ tilgeil na ceirsle don à th ann an ainm an Droch Fhir, a’ cumail grèim air aon cheann dhith. Bhiodh iad a’ tarraing an t-snà tha a-steach gus an tigeadh stad air. Bhiodh iad an uair sin a’ faighneachd, ‘Cò tha a’ cumail grèim air mo cheirsle?’ Agus bhiodh freagairt ann bho gu h-ìosal, ag innse cò an cèile a bhiodh aig an duine sin.
Tha an t-Ollamh MacDhonnchaidh a’ toirt cunntas de thachartas annasach mar a chaidh innse dhà san. Bha fear a bha seo a’ fuireach ann an taigh brà thair a sheanmhar no a sheanar. Feumaidh gun robh am bodach beartach oir bha searbhant aige. Cha robh an searbhant pòsta. Oidhche Shamhna a bha seo, chaidh an searbhant gu sabhal airson airgead a chriathradh. Bha e airson faighinn a-mach cò a’ bhean a bhiodh aige.
Thà inig samhla de bhoireannach a-steach agus ghabh i grèim air a’ chriathar. Ach grèim aotrom. Cha do tharraing i an criathar bhuaithe. Thà inig samhla boireannaich eile a-steach agus rinn i an aon rud. An dèidh sin, thà inig ceathrar a-steach. Bha iad a’ giùlan ciste air eileatrom. Choisich iad tron t-sabhal – a-steach air aon doras agus a-mach air an doras eile.Â
Bha an t-eagal air an t-searbhant. Ach mus d’ fhuair e cothrom teicheadh, thà inig samhla de threas boireannach a-steach. Ghabh ise grèim là idir air a’ chriathar agus tharraing i bhuaithe e. Theich an duine sa bhad, agus e là n eagail. Chaidh e don taigh mhòr, agus dh’inns e na thachair. Agus thuirt am bodach ris, ‘Bidh thu pòsta trì tursan. Gheibh a’ chiad dithis bhan agad bà s. Chunnaic thu an tiodhlacaidhean a-nochd. Agus, a rèir a’ chunntais, thachair a h-uile cà il mar a thuirt am bodach.

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: Seumas Druimeanach, Iarla Pheairt: James Drummond, the Earl of Perth; Caisteal an Druimein: Drummond Castle; Maothail: Muthill; Oidhche Shamhna: Halloween; a’ snìomh: spinning; ceirsle: ball of thread, twine, spun wool; snà th: thread; cèile: spouse; searbhant: servant; samhla: apparition; ceathrar: four people.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: tha sinn air a bhith ann an cuideachd seann mhinistear Chalasraid, an t-Urramach Seumas MacDhonnchaidh: we’ve been in the company of the former minister of Callander, the Rev. James Robertson; tha mi a’ gealltainn gum bi sinn a’ leigeil soraidh leis an-diugh: I promise that we’ll bid farewell to him today; mus leig, bidh sinn a’ tadhal air aon turas eile: before we do, we’ll visit him one more time; b’ e cuspair na litreach saobh-chrà bhaidhean Gà idhealach: the subject of the letter was Highland superstitions; faighinn a-mach cò bha iad a’ dol a phòsadh: finding out who they were going to marry; a’ criathradh airgead ann an sabhal: riddling silver in a barn; a’ dol don fhaing: going to the fank; gheibheadh iad clòimh o chaora dhubh: they would get wool from a black sheep; à th far am biodh daoine a’ tiormachadh grà n: a kiln where people would be drying grain; ann an ainm an Droch Fhir: in the name of the devil; a’ cumail grèim air aon cheann dhith: keeping hold of one end of it; bho gu h-ìosal: from below; a’ giùlan ciste air eileatrom: carrying a coffin on a bier; mus d’ fhuair e cothrom teicheadh: before he had the opportunity to flee; tharraing i bhuaithe e: she pulled it from him; chunnaic thu an tiodhlacaidhean: you saw their burials; a rèir a’ chunntais, thachair a h-uile cà il mar a thuirt am bodach: according to the account, everything happened as the old man [had] said.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: Gheibh a’ chiad dithis bhan agad bà s: your first two wives will die. Dithis is a numerical noun which commands another noun in the (lenited) genitive plural. That’s why we say dithis mhac for two sons or dithis nighean for ‘two daughters’. Bean ‘wife’ is an irregularly declining noun; the genitive plural is ban. Thus we say prìosan nam ban ‘the women’s prison’. The indefinite (lenited) genitive plural form is bhan. Thus dithis bhan. Similarly triùir bhan ‘three wives’ etc.
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: ann an taigh brà thair a sheanmhar no a sheanar: in his grand-uncle’s house (the English doesn’t tell us the exact relationship).
Broadcast
- Sun 19 Mar 2023 13:55Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.