Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1228
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir à ireamh 1228. Roddy Maclean reads this week's letter for Gà idhlig learners.
Last on
Sun 29 Jan 2023
13:55
Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
More episodes
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 924
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1228
Duration: 05:00
Litir 1228: E.G. Ravenstein agus A' Ghà idhlig (1)
Tha mi airson innse dhuibh mu rannsachadh a rinn E.G. Ravenstein anns an naoidheamh linn deug. Ernst Georg Ravenstein, a rugadh anns a’ Ghearmailt ann an ochd ceud deug, trithead ʼs a ceithir (1834). Ged as e Gearmailteach a bh’ ann, chuir e seachad a’ chuid a bu mhotha de a bheatha phroifeiseanta ann an Sasainn.
Bha Ravenstein na chairt-iùiliche agus dh’fhàs e rudeigin ainmeil. Bha e na bhall de chomhairlean-stiùiridh a’ Chomainn Rìoghail Statastaigeil agus a’ Chomainn Rìoghail Chruinn-eòlaich. ʼS e a rinn na dealbhan agus figearan airson Philip’s World Atlas fad ùine mhòr.
Carson a tha mi ag innse dhuibh mu E.G. Ravenstein anns an Litir? Uill, rinn e rannsachadh air na cà nanan Ceilteach. Agus dh’fhoillsich e pà ipear airson a’ Chomainn Rìoghail Statastaigeil ann an ochd ceud deug, seachdad ʼs a naoi (1879) anns an robh fiosrachadh prìseil mu Ghà idhlig na h-Alba.
Anns an ro-rà dh aige, tha Ravenstein ag rà dh nach robh, aig an ìre sin, an cunntas-sluaigh nà iseanta a’ faighneachd ceist mu labhairt na Cuimris no na Gà idhlig. Dìreach dà bhliadhna an dèidh do Ravenstein a phà ipear a lìbhrigeadh, bha ceist anns a’ chunntas-sluaigh mu dheidhinn na Gà idhlig airson a’ chiad turais.
Ciamar a chruinnich Ravenstein am fiosrachadh a chuir e ann an clò? Chuir e-mach mìle is dà cheud litir, eadar Alba is a’ Chuimrigh, gu daoine aig am biodh fios air staid a’ chà nain anns an nà bachd aca. Fhuair e freagairtean don dà rna cuid dhiubh. Gu sònraichte, b’ iad na daoine sin luchd-clà raidh breithe, pearsaichean-eaglais agus maighstirean-sgoile. Ach, a bharrachd air sin, chuir Ravenstein litrichean gu ‘daoin-uaisle’ aig am biodh fios agus ùidh anns a’ chuspair.
Bha duilgheadas aige fios fhaighinn air ais bho chuid de choimhearsnachdan. Anns na cùisean sin, chuir e fios gu prìomh òstair an à ite. Dh’aidich Ravenstein gur dòcha nach d’ fhuair e an fhìrinn ghlan mu staid na Gà idhlig anns a h-uile à ite ach, anns an fharsaingeachd, gun robh a cho-dhùnaidhean faisg air an fhìrinn.
Tha ceist agam dhuibh. Saoil dè an t-siorrachd as là idire a bh’ ann a thaobh na Gà idhlig ann an ochd ceud deug, seachdad ʼs a naoi (1879)? Tha mi a’ ciallachadh le sin – dè an t-siorrachd anns an robh an ceudad a bu mhotha aig an robh Gà idhlig? Bheir mi am fuasgladh dhuibh aig deireadh na Litreach.
 Thomhais Ravenstein à ireamh luchd-labhairt na Gà idhlig ann an Alba aig trì cheud ʼs a h-aon mìle (301,000). Bha dà cheud, seasgad ʼs a seachd mìle (267,000) a’ fuireach air a’ Ghà idhealtachd agus trithead ʼs a ceithir mìle (34,000) air a’ Ghalltachd. Thairis air an dà rna leth de dh’Alba air fad – a rèir meud na tìre – bha Gà idhlig aig a’ mhòr-chuid dhen t-sluagh. Ach bha sin a’ riochdachadh dìreach ochd às a’ cheud de mhuinntir na h-Alba.
Agus air ais don cheist mun t-siorrachd a bu Ghà idhealaiche a bh’ ann ann an ochd ceud deug, seachdad ʼs a naoi (1879). Seo agaibh na ceithir siorrachdan as à irde agus an ceudad de dhaoine aig an robh Gà idhlig annta. Ros is Crombaidh 76.9; Earra-Ghà idheal 81.8; Inbhir Nis 83.3 agus Cataibh 89.6. Seadh, b’ e Cataibh an t-siorrachd a bu Ghà idhealaiche. Smaoinichibh!Â

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: cairt-iùiliche: cartographer; ro-rà dh: foreword; òstair: publican, inkeeper; siorrachd: county; thomhais: estimated.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: a rugadh anns a’ Ghearmailt: who was born in Germany; ged as e Gearmailteach a bh’ ann: although he was a German; chuir e seachad a’ chuid a bu mhotha de a bheatha phroifeiseanta ann an Sasainn: he spent most of his professional life in England; dh’fhàs e rudeigin ainmeil: he became quite well-known; rannsachadh air na cà nanan Ceilteach: research on the Celtic languages; dh’fhoillsich e pà ipear airson a’ Chomainn Rìoghail Statastaigeil: he published a paper for the Royal Statistical Society; gu daoine aig am biodh fios air staid a’ chà nain anns an nà bachd aca: to people who would know about the state of the language in their area; fhuair e freagairtean don dà rna cuid dhiubh: he received replies to half of them; luchd-clà raidh breithe, pearsaichean-eaglais agus maighstirean-sgoile: birth registrars, church officials and schoolmasters; gun robh a cho-dhùnaidhean faisg air an fhìrinn: that his decisions were close to the truth; thairis air an dà rna leth de dh’Alba air fad: across half of Scotland; a rèir meud na tìre: according to the land area; bha Gà idhlig aig a’ mhòr-chuid dhen t-sluagh: a majority of the people were Gaelic-speakers; bha sin a’ riochdachadh dìreach ochd às a’ cheud de mhuinntir na h-Alba: that was representing only eight per cent of the population of Scotland.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: dè an t-siorrachd anns an robh an ceudad a bu mhotha aig an robh Gà idhlig?: what county had the highest percentage of Gaelic speakers? Remember that, if we are translating ‘Gaelic speakers’ or ‘numbers who speak Gaelic’ that we don’t use a verb for ‘speaking’, because what we are measuring is those who can speak Gaelic (an fheadhainn aig a bheil Gà idhlig). The exception would be if we were discussing people actually speaking the language on a particular occasion.
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: aig am biodh fios agus ùidh anns a’ chuspair: who would be knowledgeable and interested in the subject.
Broadcast
- Sun 29 Jan 2023 13:55Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.