Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1226
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir à ireamh 1226. Roddy Maclean reads this week's letter for Gà idhlig learners.
Last on
Sun 15 Jan 2023
13:55
Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
More episodes
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 922
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1226
Duration: 05:00
Litir 1226: Carragh-chuimhne Mhà ld
Anns an dà Litir mu dheireadh, bha mi ag innse dhuibh mu dhà òran co-cheangailte ri ar-a-mach nan Seumasach. ʼS e am fear as ainmeile dhiubh Mo Rùn Geal Òg. Thathar ag rà dh gun robh e air a sgrìobhadh le Cairistiona NicFhearghais, a bhuineadh do Chunndainn. Bha i pòsta aig Uilleam Siosalach a chaill a bheatha aig Blà r Chùil Lodair.
Bhuineadh na Siosalaich do Shrath Ghlais agus na glinn eile faisg air Srath Ghlais. Agus ri taobh drochaid thairis air Abhainn Ghlais tha carragh-cuimhne ann don òran. ʼS e clach-sheasaimh a th’ innte. Tha i sìmplidh gu leòr – caol, rud beag garbh agus mu dhà mheatair a dh’à irde.
Tha seo snaighte air a’ chloich: W.C. & C.F 1746 Mo rùn geal òg. Tha W.C. a’ seasamh airson William Chisholm agus tha C.F. a’ seasamh airson Christina Fergusson. Sgrìobh fear à s an sgìre, Alasdair Friseal, cunntas mu dheidhinn na cloiche faisg air deireadh an naoidheamh linn deug. Bha Alasdair a’ dlùthachadh ri ceithir fichead bliadhna a dh’aois. Fhuair e am fiosrachadh bho athair, Seumas Friseal.Ìý
Tha Alasdair ag innse dhuinn gur e Mauld Bridge, no Drochaid Mhà ld, a tha mar ainm air an sgìre far a bheil a’ charragh-chuimhne. Bha Uilleam agus Cairistìona a’ fuireach anns an sgìre. Air an latha a dh’fhalbh Uilleam airson sabaid aig Cùil Lodair, leig e soraidh le a bhean aig an à ite far a bheil a’ chlach.
Ach cò à s a thà inig a’ chlach fhèin? Uill, tha sgeul inntinneach co-cheangailte rithe. Bha seanair Alasdair – air an robh Alasdair cuideachd – na thuathanach ann am Mà ld. Ach bha fearann aige air mhà l ann an Gleann Afraig.Ìý
Bha an taigh aige ann am Mà ld feumach air à rd-doras ùr. Nuair a bha e ann an Gleann Afraig, bha e air clach mhòr fhaicinn a bhiodh freagarrach. Thug e a’ chlach bho Ghleann Afraig gu Mà ld.
Bha clachair ann an Srath Ghlais – fear Siosalach a bh’ ann. Dh’iarr Alasdair Friseal air a’ chlach a chleachdadh airson à rd-doras ùr a dhèanamh. Ach bha a’ chlach ro thiugh agus trom. Bhris an clachair sliseag mhòr dhith agus chleachd e an còrr airson an à rd-dorais.
Bha am Frisealach an uair sin a’ beachdachadh air na dhèanadh e leis an t-sliseig. Dh’iarr e air a’ chlachair a snaigheadh mar chuimhneachan air Mo Rùn Geal Òg. Chuir am Frisealach suas i far a bheil i fhathast.
Chan urrainn dhomh a rà dh dè a’ bhliadhna a chaidh a’ chlach a chur suas agus an robh Cairistìona fhathast beò. Anns a’ chunntas aige, tha Alasdair Friseal, an t-ogha, ag innse dhuinn mu na chuala e aig caraid dha. Bha e mu dheidhinn Cairistìona anns na là ithean an dèidh Blà r Chùil Lodair. Bha i fhathast an dòchas nach robh an naidheachd mu bhàs an duine aice fìor.
Latha a bha seo, ge-tà , thà inig luchd-siubhail don bhaile aice. Dh’aithnich i an obair snìomha agus an obair fighe aice fhèin anns na buill-aodaich aca. Thuig i nach tilleadh an duine aice dhachaigh a-chaoidh.

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: carragh-cuimhne: memorial; snaighte: carved; Friseal: Fraser; MÃ ld: Mauld (Strathglass); Ã rd-doras: lintel (for above a door); an t-ogha: the grandson.Ìý
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: a bhuineadh do Chunndainn: who belonged to Contin; pòsta aig Uilleam Siosalach: married to William Chishom; glinn faisg air Srath Ghlais: glens near Strathglass; leig e soraidh le a bhean: he bade farewell to his wife; tha sgeul inntinneach co-cheangailte rithe: there is an interesting story attached to it; bha fearann aige air mhà l ann an Gleann Afraig: he rented land in Glen Affric; bhris an clachair sliseag mhòr dhith: the stonemason broke a large slice from it; chleachd e an còrr airson an à rd-dorais: he used the remainder for the lintel; bha am Frisealach an uair sin a’ beachdachadh air na dhèanadh e: Fraser was then considering what he would do; dh’iarr e air a’ chlachair a snaigheadh mar chuimhneachan air: he asked the stonemason to carve it in memory of; chan urrainn dhomh a rà dh dè a’ bhliadhna a chaidh a’ chlach a chur suas: I can’t say what year the stone was erected; mu na chuala e aig caraid dha: about what he heard from a friend of his; bha i fhathast an dòchas nach robh an naidheachd mu bhàs an duine aice fìor: she was still hoping that the news about her husband’s death was not true; latha a bha seo, ge-tà : one day, however; thà inig luchd-siubhail don bhaile aice: travelling people came to her village; dh’aithnich i an obair snìomha agus an obair fighe aice fhèin anns na buill-aodaich aca: she recognised her sewing and weaving in their items of clothing; nach tilleadh an duine aice dhachaigh a-chaoidh: that her husband would never again return home.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: Bha clachair ann an Srath Ghlais – fear Siosalach a bh’ ann: There was a stonemason in Strathglass – he was a Chisholm. Properly speaking, the grammar would require me to say ʼs e fear Siosalach a bh’ ann but I have omitted the ʼs e because that omission often occurs in speech. It is understood by both parties and would be answered, or agreed to, with ʼs e or chan e. For example, if somebody says to you ‘Bà rd air leth a th’ ann am Pà draig’ (Peter is an exceptional poet), you might reply simply ‘ʼs e, gu dearbh’.
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: Bha Alasdair a’ dlùthachadh ri ceithir fichead bliadhna a dh’aois: Alasdair was approaching eighty years of age.
Broadcast
- Sun 15 Jan 2023 13:55Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.