Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1224
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir à ireamh 1224. Roddy Maclean reads this week's letter for Gà idhlig learners.
Last on
New Year's Day 2023
22:00
Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
More episodes
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 920
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1224
Duration: 04:59
Litir 1224: Mo Rùn Geal Òg
‘Och, a Theà rlaich òig Stiùbhairt, ʼs e do chùis rinn mo lèireadh. Thug thu bhuam gach nì bh’ agam, ann an cogadh nad adhbhar …’ Tha mi cinnteach gum bi feadhainn agaibh ag aithneachadh nam briathran ainmeil sin. Tha iad aig toiseach òrain ris an canar ‘Mo Rùn Geal Òg.’ Bha e air a sgrìobhadh le Cairistìona NicFhearghais mun duine aice, Uilleam Siosalach, a chaidh a mharbhadh aig Blà r Chùil Lodair.
No an robh? Tha cuid air ceist a thogail mu eachdraidh an òrain. An e Cairistìona NicFhearghais a sgrìobh e? Agus an e ‘Uilleam’ a bh’ air an fhear a chaill a bheatha? Tha an cunntas sin stèidhichte air na sgrìobh Iain MacCoinnich anns an leabhar aige ‘Sà r-Obair nam Bà rd Gà idhealach’. Sgrìobh mi mu dheidhinn o chionn fhada ann an Litir tri cheud ʼs a h-ochd-deug (318).
Mar as trice, nuair a tha an t-òran air a ghabhail le seinneadair, tha ceithir no còig rannan ann. Ach, ann an aon dreach dheth, tha aon rann deug ann. Anns an Litir seo, tha mi a’ dol a thoirt sùil air trì rannan anns an òran nach cluinnear ach ainneamh.
Seo an dà rna rann: Cò nis a thogas an claidheamh, Cò nì a’ chathair a lìonadh, ʼs gann gur e a th’ air m’ aire, O nach maireann mo chiadghrà dh; Ach ciamar gheibhinn o m’ nà dar, A bhith ag à icheadh nas miann leam, Is mo thogradh cho là idir, Bhith cur an à ite mo rìgh mhaith, Mo rùn geal òg.
Anns an rann seo tha a’ bhean ag rà dh gu bheil i coma mun phoilitigs. B’ fheà rr leatha gun robh an duine aice fhathast beò, eadhon ged a bhiodh an rìgh aice marbh.Â
Anns an treas rann, tha a’ bhana-bhà rd a’ moladh cumadh is coltas an duine aice: Bu tu ʼm fear slinneanach, leathann, Bu chaoile meadhain ʼs bu dealbhaich; Cha b’ e tà illear gun eòlas, Dhèanadh còta math geà rr dhut, no dhèanadh dhut triubhas, Gun bhith cumhang no gann dhut...
Bha an duine aice slinneanach ‘broad-shouldered’. Bha e leathann. Tha mi cinnteach le sin gu bheil i a’ ciallachadh ‘broad-chested’. Ach bha a mheadhan caol is dealbhach. Airson còta-geà rr a dhèanamh dha, dh’fheumadh an tà illear a bhith gu math comasach.
Anns an òran, tha Cairistìona (mas i a bh’ ann) ag rà dh nach do ghabh i ris an droch naidheachd an toiseach. Bha i a’ feitheamh ris an duine aice aig an taigh. Bha i an dùil ʼs an dòchas gun coisicheadh e a-steach air an doras. Ach cha do choisich.
Seo agaibh an seachdamh rann: Bha mi greis ann am barail, Gum bu mhaireann mo chèile, ʼS gun tigeadh tu dhachaigh, Le aighear ʼs le faoilteachd; Ach tha an t-à m air dol thairis, ʼS chan fhaic mi fear d’ eugais, ʼS gus an cuir iad mi san talamh, Cha dealaich mo ghaol rium, Mo rùn geal òg.
Ge bith cò sgrìobh e, ʼs e òran cumhachdach a th’ ann. Tha e a’ cur nar cuimhne, ged a chithear gaisge ann an cogadh, gur e fulangas agus à mhghar as motha a th’ ann mar dhìleab.

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: Cairistìona NicFhearghais: Christina Fergusson; Uilleam Siosalach: William Chisholm; Blà r Chùil Lodair: The Battle of Culloden; cha dealaich: will not separate.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: a Theà rlaich òig Stiùbhairt: o, young Charles Stuart; ʼs e do chùis rinn mo lèireadh: it’s your cause that [has] destroyed me; thug thu bhuam gach nì bh’ agam: you took all I had; ann an cogadh nad adhbhar: in a war in your cause; ag aithneachadh nam briathran ainmeil sin: recognising those famous words; Mo Rùn Geal Òg: ‘my fair young love’; an e ‘Uilleam’ a bh’ air an fhear a chaill a bheatha?: was the man who lost his life called ‘William’?; cò nì a’ chathair a lìonadh: who will fill the throne?; ʼs gann gur e a th’ air m’ aire: it is hardly a matter for my attention; nach maireann mo chiadghrà dh: since my first love is deceased; ciamar gheibhinn o m’ nà dar: how could I find it in my nature; a bhith ag à icheadh nas miann leam: to deny what I wish; is mo thogradh cho là idir: and my desire is so strong; bhith cur an à ite mo rìgh mhaith, mo rùn geal òg: to replace my good king with my fair young love; bu tu ʼm fear slinneanach, leathann: you were the broad-shouldered, broad-chested man; bu chaoile meadhain ʼs bu dealbhaich; slimmest and most shapely your waist; cha b’ e tà illear gun eòlas [a] dhèanadh còta math geà rr dhut: it isn’t a useless tailor that would make you a good short-coat; gun bhith cumhang no gann dhut: that is not tight or small for you; le d’ gheà rr-osan mu d’ chalpa: with your short hose around your calf; an dùil ʼs an dòchas gun coisicheadh e a-steach: in full expectation that he would walk in; bha mi greis ann am barail gum bu mhaireann mo chèile: I was a while of the opinion that my husband was still alive, chan fhaic mi fear d’ eugais: I won’t see a man of your appearance; gur e fulangas agus à mhghar as motha a th’ ann mar dhìleab: that the legacy is mostly suffering and anguish.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: trì rannan anns an òran nach cluinnear ach ainneamh: three verses in the song which are only rarely heard. Cluinnear is a passive future form (which also stands for the present habitual) and means ‘which will be heard’ [or ‘which is [habitually] heard’]. Cluinnear e ‘it will be heard’; Cha chluinnear e ‘it will not be heard’.
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: mas i a bh’ ann: if [indeed] it was her.
Broadcast
- New Year's Day 2023 22:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.