An t-Urr Tormod MacÃŒomhair
Seirbheis còmhla ris an Urr Tormod MacÌomhair bho Eaglais na h-Alba. Gaelic service conducted by Rev Norman MacIver, Church of Scotland.
Anns an t-seirbheis seo cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 105: 1-2 air fonn Bangor agus ‘s e an t-Urr Coinneach Dòmhnallach a tha os cionn na seinn a chaidh a chlà radh aig clas seinn nan salm ann an Cille Mhoire.
Salm 118: 15-16 air fonn Dùn Dè agus ‘s e an t-Urr Niall Seathach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Free North ann an Inbhir Nis.
Salm 145: 10-13 air fonn Evan agus ‘s e Seonaidh MacSuain a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba air an Tairbeart.
Leughadh: Eòin 3: 1-12
Ceann-teagaisg: Eòin 3:3
'S ann do sgìre Shiadair san Rubha a bhuineas Mgr MacÌomhair. Ghluais e a Ghlaschu nuair a bha e ochd bliadhna deug agus bha e ag obair ann an oifis airson còig bliadhna. Nuair a bha e mu bhliadhna ann an Glaschu, thà inig atharrachadh na bheatha agus thòisich e a' leantainn beatha Chrìosdail.
Nuair a chaidh a ghairm chun na ministrealachd, bha aige ri dhol dhan cholaiste airson bliadhna airson deuchainn fhaighinn ann am foghlam aig à rd-ìre. Às dèidh sin bha cùrsa diadhachd de chòig bliadhna aige ri dhèanamh ann an Colaiste na Trianaid.
Phòs e fhèin 's a bhean, Catherine, ann an 1974 nuair a bha e deiseil dhan trèanadh aige. Rinn Mgr MacÌomhair dà bhliadhna na mhinistear-cuideachaidh ann an Eaglais Naomh Mhìcheil ann an Linlithgow mus deach a phòsadh ris a' chiad choitheanal aige ann an Eaglais na h-Alba, Cille Mhoire is Paibeil an Uibhist a Tuath. Bha Mgr MacÌomhair na mhinistear san sgìre sin airson còrr air deich bliadhna mus deach a phòsadh ri coitheanal Eaglais na h-Alba air an Tairbeart ann an 1988, far an robh e chun an t-Samhain 2011. Tha e a-nise air a dhreuchd a leigeil dheth agus a' fuireach ann an Inbhir Nis.
Last on
More episodes
Broadcasts
- Sun 9 Oct 2022 09:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Sun 9 Oct 2022 15:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal