That Deadman Dance le Kim Scott
Mark Wringe le sùil air nobhailean le sgrìobhaichean tùsanach.
Mark Wringe explores novels by indigenous writers. In today's programme, he looks at That Deadman Dance by Kim Scott.
Tha Mark Wringe a’ cur na prosbaig air cuid de na nobhailean as cliùitiche a chaidh a sgrìobhadh le ùghdaran tùsanach.
Còmhla ri Mark tha leughadair a tha a' beachdachadh air gach nobhail agus ionnsaichear beagan mu eachdraidh na dùthcha anns a bheil an leabhar suidhichte bho eòlaiche. Cluinnear earrannan den leabhar ‘s iad air an lìbhrigeadh dhuinn le cleasaiche a bhuineas don chinneadh a th’ air a riochdachadh anns gach leabhar.
An seo, tha Mark agus Shelagh Chaimbeul a’ toirt sùil air an nobhail That Deadman Dance le Kim Scott, sgrìobhaiche a bhuineas don t-sluagh Noongar ann an Astrà ilia an Iar.
Cluinnear cuideachd beagan mu eachdraidh na dùthcha air a toirt thugainn le Ruairidh MacIlleathainn agus earranan às an nobhail 's iad air an leughadh dhuinn leis an sgrìobhaiche fhèin.
Last on
Broadcasts
- Mon 5 Sep 2022 15:30Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Wed 7 Sep 2022 20:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Mon 29 Apr 2024 15:30Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Wed 1 May 2024 20:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Sun 5 May 2024 10:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal