Main content

An Litir Bheag 898

Litir Bheag na seachdain sa le Ruairidh MacIlleathain. Litir àireamh 898. This week's short letter for Gàidhlig learners.

Available now

4 minutes

Last on

Sun 31 Jul 2022 13:30

Clip

An Litir Bheag 898

Dè am prìomh fhacal a th’ ann airson water ann an Gàidhlig Dhùthaich MhicAoidh – ann am fìor cheann a tuath na h-Alba? ʼS e am fuasgladh – ²úù°ù²Ô. Chan ann a-mhàin ann an Leòdhas agus Na Hearadh a chluinneas sibh ²úù°ù²Ô.

Tha faclair air mo bheulaibh an-dràsta – Gàidhlig Dhùthaich MhicAoidh leis an sgoilear dhualchainntean, Seumas Grannd. Airson ‘did you drink the water?’, tha an d’ òl thu am ²úù°ù²Ô?

Nas fhaide deas ann an sgìre Gheàrrloch, ʼs e uisge am facal cumanta airson water. Ach nochdaidh ²úù°ù²Ô cuideachd gu h-àraidh anns an t-Srath ann an Geàrrloch. An sin, cha bhi ²úù°ù²Ô a’ seasamh airson an uisge a thuiteas às an adhar, ge-tà.Ìý

Chan eil e co-ionann ann an Dùthaich MhicAoidh. Anns an fhaclair aig Seumas Grannd, tha seo: tha e a’ ²úù°ù²Ô ‘it’s raining’; ²úù°ù²Ô aotrom ‘light rain’; ²úù°ù²Ô dubh ‘torrential rain’.

Tha an Litir gu bhith rudeigin uisgeach no ²úù°ù²Ôach an-diugh. Tha mi airson sùil a thoirt air faclan is abairtean co-cheangailte ri uisge.Ìý

Anns an t-seann Ghàidhlig, bha am facal dobhar ann. Tha sin ceangailte ris an fhacal Chuimreach »åŵ°ù airson uisge. Chan eil dobhar beò ann an cainnt làitheil nan Gàidheal an-diugh. Ach tha e ann an ainmean-àite agus ann am faclan co-cheangailte ri nàdar. Tha mi a’ smaoineachadh air »å´Ç²ú³ó²¹°ù-³¦³óù airson otter agus dobhar-lus airson watercress.

Ann an cuid de sgìrean, tha ‘uisge’ cuideachd a’ ciallachadh ‘abhainn’. Canaidh sinn Uisge Spè airson The River Spey agus Uisge Tatha airson The River Tay. Agus bidh sinn a’ cleachdadh ‘uisge’ uaireannan airson freshwater. Canaidh sinn ‘loch-uisge’ airson freshwater loch agus ‘loch-mara’ airson sea loch.Ìý

Tha facal eadar-dhealaichte againn airson seawater no salt water – ʼs e sin ²õà±ô. Ach canaidh daoine cuideachd uisgeachan Bhreatainn ‘British waters’ nuair a tha iad a’ bruidhinn mun mhuir timcheall Bhreatainn.

Aig an àm seo dhen bhliadhna, bidh sinn gu tric a’ bruidhinn mu dheidhinn ‘watering’, a’ cur uisge air lusan. A bheil gnìomhair ann airson watering ann an Gàidhlig? Tha – na dhà. Uisgeachadh. Tha mi ag uisgeachadh nan craobhan ‘I’m watering the trees’. Agus deurachadh. Tha mi a’ deurachadh nan lusan-taighe ‘I’m watering the house-plants’.

The Little Letter 898

What’s the primary word for ‘water’ in the Gaelic of the Mackay Country – in the far north of Scotland? The solution is – ²úù°ù²Ô. It’s not only in Lewis and Harris that you hear ²úù°ù²Ô.

There is a dictionary in front of me just now – The Gaelic of the Mackay Country by the dialect scholar, Seumas Grant. For ‘did you drink the water?’, there is an d’ òl thu am ²úù°ù²Ô?

Further south in the Gairloch area, uisge is the common word for water. But ²úù°ù²Ô also appears, particularly in Strath in Gairloch. There, ²úù°ù²Ô does not stand for the water that falls from the air, however.

It’s not the same in the Mackay Country. In Seumas Grant’s dictionary there is this: tha e a’ ²úù°ù²Ô ‘it’s raining’; ²úù°ù²Ô aotrom ‘light rain’; ²úù°ù²Ô dubh ‘torrential rain’.

The Litir is going to be somewhat watery today. I want to look at words and phrases connected to water.

In old Gaelic there was the word dobhar. That’s connected to the Welsh word »åŵ°ù for water. Dobhar is not extant in the daily speech of the Gaels today. But it’s in place-names and in words connected to nature. I'm thinking of »å´Ç²ú³ó²¹°ù-³¦³óù for otter and dobhar-lus for watercress.

In some areas, uisge also means ‘water’. We say Uisge Spè for [the] River Spey and Uisge Tatha for [the] River Tay. And we use uisge sometimes for freshwater. We say ‘loch-uisge’ for freshwater loch and ‘loch-mara’ for sea loch.

We have a different word for seawater or salt water – thatʼs ²õà±ô. But people also say uisgeachan Bhreatainn ‘British waters’ when they are speaking about the sea around Britain.

At this time of the year, we often talk about ‘watering’, putting water on plants. Is there a verb for ‘watering’ in Gaelic? Yes – two [of them]. Uisgeachadh. Tha mi ag uisgeachadh nan craobhan ‘I’m watering the trees’. And deurachadh. Tha mi a’ deurachadh nan lusan-taighe ‘I’m [lightly] watering the house-plants’.

Broadcast

  • Sun 31 Jul 2022 13:30

All the letters

Tha gach Litir Bheag an seo / All the Little Letters are here.

Podcast: An Litir Bheag

The Little Letter for Gaelic Learners

An Litir Bheag air LearnGaelic

An Litir Bheag is also on LearnGaelic (with PDFs)

Podcast