Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1195
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir à ireamh 1195. Roddy Maclean reads this week's letter for Gà idhlig learners.
Last on
Sun 12 Jun 2022
13:55
Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
More episodes
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 891
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1195
Duration: 05:00
Litir 1195: An Long a Chaidh a dh'Ameireagaidh (2)
Tha mi ag aithris na sgeulachd ‘An Long a Chaidh a dh’Ameireagaidh’. Cha robh an cupall an dùil clann a bhith aca. Ach rugadh leanabh-gille dhaibh. Chuir iad ‘Iain’ air mar ainm. Bha iad fhathast a’ fuireach leotha ´Ú³óè¾±²Ô air cùl a’ chladaich. Thug iad ´Ú³óè¾±²Ô sgoil don ghille.
Bha seachd bliadhna air a dhol seachad on a thug an duine an gealltanas don bhodach. Thuirt e ri a bhean, ‘Tha mi a’ falbh an-diugh a thoirt a’ bhalaich seachad a chionn ʼs gur e sin a gheall mi airson na tubhailt.’ Bidh cuimhne agaibh gun d’ fhuair an duine tubhailt dhraoidheil bhon bhodach. Mar sin, bha biadh an-còmhnaidh aca.
Thòisich a bhean air caoineadh. ‘Chan eil cothrom air,’ thuirt an duine aice. ‘Feumaidh mi a dhèanamh.’ Dh’fhalbh an duine ʼs am balachan agus an ceann ùine rà inig iad am bothan aig bonn na beinne. Cha robh sgeul air an t-seann duine liath ach bha am bòrd ann mar a bha roimhe, le botal fìona agus lof arain air. Ghabh an duine agus an gille balgam às a’ bhotal agus crioman às an lof.
Aig a’ mhionaid sin, cò thà inig a-steach ach am bodach. ‘Thà inig thu mar a gheall thu,’ thuirt e.
‘Thà inig,’ dh’aontaich am fear eile.
‘Dè an t-ainm baistidh a th' air a’ bhalachan?’
‘Iain,’ thuirt athair.
‘Gum meal e ainm,’ ars am bodach. ‘A bheil sgoil aige?’
‘Bha mi ´Ú³óì²Ô a’ toirt beagan sgoile dha,’ fhreagair am fear eile.
‘Bheir mise deagh sgoil dha,’ ars am bodach. ‘Nì mi mar gum bu mhac dhomh ´Ú³óì²Ô e. Nì mi duine fortanach dheth fhathast.’
Dh’fhan athair an oidhche sin aig bonn na beinne. An là rna-mhà ireach, dh’fhà g e beannachd aig a’ bhalachan agus thill e dhachaigh. Bha a bhean brònach, muladach mu chall a mic.
Air ais aig bonn na beinne, dh’fhàs am balachan na ghille mòr, gasta. Bha e còrr is fichead bliadhna còmhla ris a’ bhodach agus fhuair e deagh sgoil bhuaithe. Latha a bha seo, dh’iarr am bodach air a dhol còmhla ris gu mullach na beinne. Thuirt e gun robh srian eich os cionn an dorais agus dh’iarr e air a toirt leis.
Rà inig iad mullach na beinne. Thuirt an seann duine ri Iain, ‘Crath an t-srian rium. Bidh mis’ a’ tionndadh nam each. Leum air mo mhuin an uair sin.’
Rinn Iain sin. Thionndaidh am bodach na each agus leum Iain air a mhuin. Dh’fhalbh an t-each aig astar. Chùm e a dol fad an latha gus an do rà inig e leathad uabhasach cas – ri taobh loch. ‘Thig far mo mhuin, Iain,’ thuirt an t-each ris.
Thà inig Iain far an eich, agus thuirt an t-each ris, ‘Thalla suas gu uamh an sin. Gheibh thu trì famhairean nan sìneadh. Tha iad a’ dol bàs leis an acras. Seall a-steach nam chluais.’
Thug Iain sùil na chluais agus chunnaic e botal fìona agus trì lofan arain. ‘Thoir lof an duine do na famhairean,’ ars an t-each, ‘agus roinn am botal eatarra.’Â
Rinn Iain sin agus bha na famhairean air leth toilichte. ‘Bidh cuimhne againn air seo,’ thuirt iad.
Thill Iain don t-seann duine a bha fhathast ann an riochd eich. Agus leanaidh an sgeul an-ath-sheachdain.

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: draoidheil: magic; an-còmhnaidh: always; caoineadh: weeping; balachan: wee boy; brònach, muladach: sad, grief-stricken; uamh: cave.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: An Long a Chaidh a dh’Ameireagaidh: The Ship that Went to America; cha robh an cupall an dùil clann a bhith aca: the couple were not expecting to have children; rugadh leanabh-gille dhaibh: a baby son was born to them; thug iad ´Ú³óè¾±²Ô sgoil don ghille: they educated the lad themselves; bha seachd bliadhna air a dhol seachad on a thug an duine an gealltanas: seven years had elapsed since the man gave the promise; a chionn ʼs gur e sin a gheall mi airson na tubhailt: because that’s what I promised for the tablecloth; chan eil cothrom air: it can’t be helped; balgam à s a’ bhotal agus crioman à s an lof: a gulp from the bottle and a bite from the loaf; thà inig thu mar a gheall thu: you came as you promised; bheir mise deagh sgoil dha: I’ll give him a good education; nì mi duine fortanach dheth: I shall make a fortunate man of him; dh’fhan athair an oidhche: his father stayed the night; an là rna-mhà ireach, dh’fhà g e beannachd aig a’ bhalachan: next day, he farewelled the boy; thuirt e gun robh srian eich os cionn an dorais: he said that there was a horse’s bridle above the door; dh’iarr e air a toirt leis: he asked him to bring it with him; crath an t-srian rium: shake the bridle to [in front of] me; bidh mis’ a’ tionndadh nam each: I shall turn into a horse; leum air mo mhuin: jump on my back; trì famhairean nan sìneadh: three giants stretched out; tha iad a’ dol bà s leis an acras: they are dying of hunger; seall a-steach nam chluais: look into my ear; thoir lof an duine do: give a loaf to each man; ann an riochd eich: in the form of a horse.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: Nì mi mar gum bu mhac dhomh ´Ú³óì²Ô e: I’ll make him like he was [born] my own son. This is rather old-fashioned, but elegant, Gaelic. It uses bu, the past tense of the assertive verb is. Is mac dhomh ´Ú³óì²Ô e ‘he is my own son’; bu mhac dhomh ´Ú³óì²Ô e ‘he was my own son’. Notice the lenition of mac following bu. Note also that dialectally ´Ú³óì²Ô is used instead of ´Ú³óè¾±²Ô with the first person singular – dhomh ´Ú³óì²Ô but dhut ´Ú³óè¾±²Ô, dha ´Ú³óè¾±²Ô.
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: Gum meal e ainm: may he enjoy his name.
Broadcast
- Sun 12 Jun 2022 13:55Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.