Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1193
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir à ireamh 1193. Roddy Maclean reads this week's letter for Gà idhlig learners.
Last on
Sun 29 May 2022
13:55
Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
More episodes
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 889
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1193
Duration: 05:00
Litir 1193: 'Leum' ann an Ainmean-Ã ite (2)
Bha mi ag innse dhuibh mu ainmean-à ite anns a bheil am facal ‘leum’. Tha fear annasach ann eadar Stafainn agus Flòdaigearraidh anns an Eilean Sgitheanach – Loch Leum nam Brà . Chaidh innse dhomh le daoine a bhuineas don sgìre gu bheil e a’ ciallachadh ‘the loch of the jump of the quernstones’. Bha droch uachdaran ann a chuir stad air an t-sluagh bho bhith a’ bleith an arbhair aca fhèin. Bha aca ri muileann an uachdarain a chleachdadh agus bha aca ri pà igheadh airson sin.Â
Agus dè an ceangal a th’ ann eadar an loch agus leum? Uill bha aig na daoine ris na clachan-brà aca a roiligeadh sìos am bruthach agus a-steach don loch. Bha na clachan cruinn. Fhad ʼs a bha na clachan a’ roiligeadh leis a’ bhruthach aig astar, thòisich iad air leum far na talmhainn. Loch Leum nam Brà .
Tha baile beag faisg air an Aghaidh Mhòir air a bheil Coylumbridge ann am Beurla. Ann an Gà idhlig, ʼs e sin Drochaid Choileum. Tha Coileum a’ tighinn bho Cuing-leum ‘narrow leap’. Tha an abhainn an sin cumhang. Nuair nach robh drochaid ann, feumaidh gun robh daoine a’ leum tarsainn na h-aibhne an sin.Â
Faisg air an Drochaid Bhà in ann an Srath Fharagaig tha à ite ann far a bheil an abhainn cumhang. Tha Cnoc a’ Choimhleum an sin – ‘the hill of the narrow jump’. Tha baile beag ri taobh a’ chnuic air a bheil Knockchoilum – le ‘K’ aig an toiseach – ann am Beurla.Â
Tha am facal cruinn-leum ann an siud ʼs an seo. Saoilidh mi gu bheil e a’ ciallachadh ‘standing jump’. Tha cnocan beag air a’ Chomraich air a bheil An Cruinn-leum. Ge-tà , tha seo a’ ciallachadh, a rèir an OS, ‘round leap’. Mmm. Cruinn-leum.
Agus faisg air Caol Readha anns an Eilean Sgitheanach, tha Bealach na Cruinn-leum. Ge-tà , nuair a chruinnich an t-Suirbhidh Òrdanais na h-ainmean an toiseach, ʼs e Bealach na Greigh-Lèim a bha aca air – ‘the pass of the herd’s leap’. Chanainn gu bheil sin a’ ciallachadh fèidh.
Ach a bheil am facal leum an-còmhnaidh a’ ciallachadh ‘leap’? Tha creag ri taobh na h-aibhne ris an canar River Oude ann an Earra-Ghà idheal air a bheil Leum Uilleim. Tha Leabhar nan Ainmean aig an t-Suirbhidh Ã’rdanais ag innse dhuinn gu bheil e a’ ciallachadh ‘William’s Leap’ agus gun do leum duine bho mhullach na creige gu taobh thall na h-aibhne. Tha a’ chreag à rd agus cha chuireadh e iongnadh orm nam biodh Uilleam bochd air adhbrann a bhriseadh.Â
Tha an t-ainm sin soilleir gu leòr, ach tha beinn ann an Loch Abar air a bheil an dearbh ainm – Leum Uilleim. An turas seo, tha Leabhar nan Ainmean ag rà dh gu bheil e a’ ciallachadh ‘William’s Point or Line’.Ìý
Mar as trice, tha leum ann mar L-E-U-M. Ach, corra uair, bidh dreach ginideach air agus nochdaidh e mar L-È-I-M. Tha dà sgeir sa mhuir anns na Hearadh, eadar Plocropol agus Sgalpaigh. ʼS iad sin Sgeir an Lèim Mhòir agus Sgeir an Lèim Bhig. Am biodh daoine a’ leum bho sgeir gu sgeir? Dè bha iad a’ dèanamh ann? A’ cruinneachadh cairgein? No a bheil ‘leum’ an sin a’ ciallachadh mar a bhios stuaghan-mara a’ leum air latha stoirmeil? Uaireannan, tha barrachd cheistean ann na freagairtean!

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: clach-bhrà : quernstone, millstone; cruinn: round, circular; aig astar: at speed; cumhang: narrow; Caol Readha: Kylerhea; an t-Suirbhidh Òrdanais: The Ordnance Survey; greigh: herd, especially red deer; Earra-Ghà idheal: Argyll; Leabhar nan Ainmean: The Name Book; Loch Abar: Lochaber.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: eadar Stafainn agus Flòdaigearraidh anns an Eilean Sgitheanach: between Staffin and Flodigarry on Skye; bha droch uachdaran ann a chuir stad air an t-sluagh bho bhith a’ bleith an arbhair aca: there was a bad landlord who stopped the people from grinding their corn; bha aca ri muileann an uachdarain a chleachdadh: they had to use the landlord’s mill; thòisich iad air leum far na talmhainn: they started to jump off the ground; faisg air an Aghaidh Mhòir: near Aviemore; faisg air an Drochaid Bhà in ann an Srath Fharagaig: near Whitebridge in Stratherrick; tha cnocan beag air a’ Chomraich: there’s a hillock in Applecross; ri taobh na h-aibhne: beside the river; bho mhullach na creige gu taobh thall na h-aibhne: from the top of the crag to the far side of the river; cha chuireadh e iongnadh orm: it would surprise me at all; nam biodh Uilleam bochd air adhbrann a bhriseadh: if poor William had broken his ankle; corra uair, bidh dreach ginideach air agus nochdaidh e mar: occasionally, it will be in a genitive form and will appear as; tha dà sgeir sa mhuir anns na Hearadh, eadar Plocropol agus Sgalpaigh: there are two rocks in the sea in Harris, between Plocrapol and Scalpay; mar a bhios stuaghan-mara a’ leum air latha stoirmeil: how breaking waves jump on a stormy day; uaireannan, tha barrachd cheistean ann na freagairtean: sometimes, there are more questions than answers.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: leis a’ bhruthach: downhill, with the slope. An easy way to say ‘uphill’ or ‘downhill’ is to change the preposition. Leis a’ bhruthach is ‘downhill’; ris a’ bhruthach is ‘uphill’. The sense of ‘l±ð’ here is ‘with’, whereas ‘r¾±â€™ is ‘against’. If you are sailing ‘leis a’ ghaoith’ you are running downwind. If you are ‘ris a’ ghaoith’, you are sailing close to the wind, as in close-hauled.
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: bha aca ri pà igheadh airson sin: they had to pay for that.
Broadcast
- Sun 29 May 2022 13:55Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.