Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1186
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir à ireamh 1186. Roddy Maclean reads this week's letter for Gà idhlig learners.
Last on
Sun 10 Apr 2022
13:55
Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
More episodes
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 882
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1186
Duration: 05:00
Litir 1186: Clann 'ic Coinnich na Cùile (2)
Bha mi ag innse dhuibh mu Chlann ʼic Coinnich na Cùile ann an Siorrachd Rois, agus gu seachd à raidh mun Ridire Seòras Stiùbhart MacCoinnich. Bha esan na eòlaiche-saidheans ainmeil ach cuideachd na uachdaran brùideil a dh’fhuadaich baile Inbhir Lathail taobh Loch a’ Bhraoin ann am meadhan a’ gheamhraidh.
ʼS e Seòras a thog Taigh mòr na Cùile – am fear a tha na sheasamh an-diugh – ann an Cunndainn ann an ochd ceud deug, fichead ʼs a h-aon (1821). Tha e a-nise na thaigh-òsta spaideil air a bheil Coul House Hotel. Phòs Seòras dà thuras agus bha aon duine deug de chloinn aige – ochdnar mhac agus triùir nighean.
B’ e an ceathramh mac aige Raibeart Ramsay MacCoinnich. Rugadh e anns a’ Chùil. Aig aois fichead rinn e eilthireachd a Chuimrigh Nuadh a Deas ann an Astrà ilia far an robh a bhrà thair Seumas mu thrà th. Bha seachd ceud gu leth not aige na phòcaid – airgead mòr aig an à m sin. Cheannaich Raibeart agus Seumas tuathanas còmhla ach cha deach gu math leotha agus b’ fheudar do Raibeart iarraidh air a theaghlach tuilleadh airgid a chur thuige.Â
Cha do rinn e adhartas, ge-tà , agus chaidh a chomharrachadh mar bhanca-briste ann an ochd ceud deug, ceathrad ʼs a ceithir (1844). Taobh a-staigh trì bliadhna bha e air a chùisean a chur ann an òrdugh agus bha e a-nise na mhaighstir-lagha!
Aig deireadh nan caogadan, bha Raibeart a’ fuireach ann an ceann a tuath Cuimrigh Nuadh a Deas. Rinneadh tuineachadh ùr an sin – Tìr na Banrigh. Chaidh Raibeart an sàs ann am poilitigs. Bha e na Ionmhasair aig an riaghaltas. Cha robh sin dona airson fear a bha banca-briste beagan bhliadhnaichean roimhe!
Dh’èirich e gu bhith na Phrìomhaire ann an Tìr na Banrigh ann an ochd ceud deug, seasgad ʼs a seachd (1867). Bha e anns an dreuchd airson dìreach sia mìosan deug. Bha mi a’ cur na ceist orm fhìn – saoil an robh Gà idhlig aige? Chan eil fhios a’m.
Co-dhiù, airson crìoch a chur air a sgeul, fhuair e an tighearnas, no baronetcy, nuair a chaochail a bhrà thair Uilleam. Thill e a dh’fhuireach ann an Alba ann an ochd ceud deug, seachdad ʼs a h-aon (1871).
Thòisich mi air sùil a thoirt air Clann ʼic Coinnich na Cùile le bhith a’ beachdachadh air ainmean-à ite far a bheil Mackenzie anns an ainm. Tha à iteachan ann an Tìr na Banrigh air a bheil Mackenzie, leithid Mackenzie fhèin, fo-bhaile ann am Brisbane. Agus tha sgìre ann air a bheil Mackenzie. Tha sin suidhichte ann an roinn dhen stà ite ris an canar Central Highlands. Uill, tha sin iomchaidh!
Bha mi an dùil gum biodh iad math dh’fhaodte air an ainmeachadh an dèidh an fhir a bha na phrìomhaire. Ach cha robh. Tha an sgìre air a bheil Mackenzie a’ faighinn ainm bho Abhainn MhicCoinnich, the Mackenzie River. Chaidh an abhainn ainmeachadh leis an neach-rannsachaidh ainmeil, Ludwig Leichhardt, an dèidh a charaid, Eòghan MacCoinnich à Kilcoy Station. Bhuineadh Eòghan do Chùil Challaidh – Kilcoy – ann an Ros an Ear ann an Alba.Â
Agus Mackenzie ann am Brisbane? Chaidh ainmeachadh an dèidh a’ Chòirneil W MacCoinnich a bha a’ fàs siùcar anns an sgìre sin.

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: Clann ʼic Coinnich na Cùile: the Mackenzies of Coul; An Ridire Seòras Stiùbhart MacCoinnich: Sir George Steuart Mackenzie; maighstir-lagha: magistrate; Tìr na Banrigh: Queensland; tuineachadh: colony; Ionmhasair: Treasurer; leithid: such as; fo-bhaile: suburb; neach-rannsachaidh: explorer.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: uachdaran brùideil a dh’fhuadaich baile Inbhir Lathail taobh Loch a’ Bhraoin ann am meadhan a’ gheamhraidh: a brutal landlord who cleared the village of Inverlael near Loch Broom in the middle of winter; tha e a-nise na thaigh-òsta spaideil: it’s now a well-appointed hotel; phòs Seòras dà thuras agus bha aon duine deug de chloinn aige: George married twice and he had eleven children; rinn e eilthireachd a Chuimrigh Nuadh a Deas: he emigrated to New South Wales; b’ fheudar do Raibeart iarraidh air a theaghlach tuilleadh airgid a chur thuige: Robert had to ask his family to send him more money; chaidh a chomharrachadh mar bhanca-briste: he was declared bankrupt; chaidh Raibeart an sàs ann am poilitigs: Robert got involved in politics; cha robh sin dona airson fear a bha banca-briste beagan bhliadhnaichean roimhe: that wasn’t bad for a man who had been bankrupt a few years before; dh’èirich e gu bhith na Phrìomhaire: he rose to become the Premier; airson crìoch a chur air a sgeul: to finish the story; suidhichte ann an roinn dhen stà ite ris an canar: situated in a region of the state known as; bha mi an dùil gum biodh iad math dh’fhaodte air an ainmeachadh an dèidh an fhir a bha na phrìomhaire: I expected that they would perhaps be named after the man who was premier; bhuineadh Eòghan do Chùil Challaidh ann an Ros an Ear: Evan belonged to Kilcoy in Easter Ross; chaidh ainmeachadh an dèidh a’ Chòirneil W MacCoinnich a bha a’ fàs siùcar anns an sgìre sin: it was named after Colonel W Mackenzie who was growing sugar in that area.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: ochdnar mhac agus triùir nighean: seven sons and three daughters. I might have said ochd mic agus trì nigheanan but it is common to use the numerical nouns when counting humans. Those are dithis, triùir, ceathrar, còignear, sianar (or seisear), seachdnar, ochdnar, naoinear and deichnear. They always command a noun in the [indefinite] genitive plural [we are saying ‘eight people of sons’]. Thus the nouns are lenited where that is possible e.g. triùir shaighdearan, còignear bhoireannach. Note that we stop at deichnear and don’t extend the system into the teens or beyond.
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: bha e air a chùisean a chur ann an òrdugh: he had put his affairs in order.
Broadcast
- Sun 10 Apr 2022 13:55Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.