Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1184
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir à ireamh 1184. Roddy Maclean reads this week's letter for Gà idhlig learners.
Last on
Wed 30 Mar 2022
22:30
Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
More episodes
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 880
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1184
Duration: 05:00
Litir 1184: Locha Buidhe 's a Dhà Bhuachaille (3)
Tha mi a' dol a chur crìoch air an sgeulachd – 'Locha Buidhe 's a Dhà Bhuachaille'. Thug am buachaille an corp a thug e sìos bhon chraoibh gu taigh a’ bhuachaille eile, a charaid. Leig e an corp air an talamh anns a' ghà rradh. Bha e dubh dorch. Ghnog e air doras mòr an taighe. Thà inig bean a’ bhuachaille eile chun an dorais.
'Ciamar a chaidh dhuibh?' dh’fhaighnich i. 'An d' fhuair sibh an damh?' 'S i a bheir cùl a' phlana aig an toiseach.
'Na bruidhinn mun damh,' fhreagair am fear. ‘Chaidh an duine agad a chrochadh.'
Nuair a chual' i an naidheachd sin thòisich a' bhean air guil agus caoineadh. 'Ist,' thuirt am buachaille. 'Cùm sà mhach agus na can guth ri duine, air neo thèid an dithis againne a chrochadh cuideachd. Cuimhnich gur tusa a chruthaich am plana sa chiad dol-a-mach agus is mis' a ghoid an damh. Tiodhlaicidh sinn a' chorp anns a' ghà rradh. Cha bhi fios aig duine eile dè thachair. 'S dòcha gun dìochuimhnich iad an gnothach.'Â
Thiodhlaic an dithis aca an corp anns a' ghà rradh agus dh'fhalbh am buachaille don taigh aige fhèin.Â
Tha fios agaibh gu robh am buachaille eile fhathast beò. Dh'fhà g e taigh mòr Locha Bhuidhe oir bha e air fàs anmoch, agus rinn e air an taigh aige fhèin. Nuair a rà inig e an taigh bha an doras glaiste. 'Leig a-steach mi,' dh'èigh e.
'Cha leig,' ars a bhean. 'Chaidh do chrochadh agus thiodhlaic sinn thu ann an toll anns a' ghà rradh. Chan fhaigh thu a-steach an seo gu brà th.'
'Dè tha thu a' ciallachadh?' thuirt am buachaille. 'Cha deach mo chrochadh, tha mi fhathast beò!'
'Tha mi coma dè chanas tu,' ars ise, 'chan fhosgail mi an doras dhut.'
Shaoil am buachaille gum bu chòir dha dhol gu taigh a' bhuachaille eile feuch faighinn a-mach dè bha a' dol. Bha an gnothach neònach air fad. Chaidh e ann agus ghnog e air an doras mhòr. 'Leig a-steach mi,' dh'èigh e.
'Is mi nach leig,' fhreagair am fear eile. 'Fhuair mise gu leòr gad thoirt dhachaigh air mo mhuin 's tu air do chrochadh.'
Bha uinneag mhòr aig ceann thall an taighe agus sin far an deach am fear air an taobh a-muigh. 'Seall orm,' thuirt e tron uinneig, 'faigh solas, agus chì thu glan nach do chrochadh mise nas motha na chrochadh tu fhèin.'
Chunnaic am fear air an taobh a-staigh gun robh an fhìrinn aig an fhear eile. Leig e a charaid a-steach. Bha an dithis aca suas airson a' chòrr dhen oidhche ag innse do chèile mar a thachair a-rèir an seallaidhean fhèin. Aig a' cheann thall dh'aontaich iad ri chèile a dhol a bhruidhinn ri Locha Buidhe. Bha iad a' dol a dh'aideachadh a h-uile rud dha. Feumaidh nach robh esan cho an-iochdmhor ri cuid eile de dh'uachdarain na Gà idhealtachd aig an à m.
Dh'èist Locha Buidhe ris an sgeul aca gu dùrachdach. Cha deach na buachaillean a pheanasachadh. Gu dearbh, thà inig buannachd thuca aig a' cheann thall. A h-uile bliadhna bho sin a-mach, bhiodh Locha Buidhe a' toirt dhaibh damh ... agus bolla mine a-bharrachd. Agus sin agaibh an sgeulachd Mhuileach, 'Locha Buidhe 's a Dhà Bhuachaille'. Tha mi an dòchas gun do chòrd i ribh.

Broadcasts
- Sun 27 Mar 2022 14:55Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Wed 30 Mar 2022 22:30Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.