Main content
Sorry, this episode is not currently available

Boireannaich ann an Eachdraidh gan comharrachadh. An-diugh, tha sinn a' coimhead ri Corrie Ten Boom. Women in History Month. Today, we feature Corrie Ten Boom.

Tha ùidh shònraichte aig Marion Gray ann a Moldova 's i air siubhal ann grunn thurais 's i a' cuideachadh le obair carrthanais. Cluinnidh sinn mun dùthaich seo, agus iad fhèin an-dràsta a' dèanamh an dìcheall airson daoine a chuideachadh a tha a' tèicheadh às an Ùcrain.

Bha e na chleachdadh dp Chaitligich a bhith a' cruinneachadh agus an conail Mhoire a ghabhail còmhla. Chan eil sin cho cumanta 's a bha e, ach le buidheanan de dh' fhir gu h-àraidh a-nis a' tighinn còmhla airson a gabhail le chèile, tha treand ùr a' tòiseachadh.

Innsidh Magaidh Nic a' Ghobhainn mu na sgeulachdan a chruinnich i mu bhith ag iasgach air lochan Eilean Leòdhais.

Tha Boireannaich ann an Eachdraidh gan còmharrachadh fad na mìos. Innsidh Suzie Roberts sgeulachd Corrie Ten Boom, tè a chuidich an t-uabhas Iùdhaich aig àm an Dàrna Cogaidh. Chaidh i fhèin agus a piuthar a ghlacadh agus a chur a' champa-prìosain .

Tha Joanne Ahmed NicFhionghain ag innse dhuinn mu mhosàig shònraichte a chaidh a lorg fo bhaile Lunnain.

57 minutes

Last on

Thu 3 Mar 2022 21:00

Broadcasts

  • Thu 3 Mar 2022 09:00
  • Thu 3 Mar 2022 21:00