Main content
Sorry, this episode is not currently available

Mar a nochd na ciad nobhailean Gàidhlig sa bhaile mhòr, aig toiseach an 20mh linn. How the first Gaelic novels appeared in Glasgow at the beginning of the 20th century.

Aig deireadh an 19mh linn, bha saoghal nan Gàidheal ag atharrachadh gu mòr. Ghluais na mìltean bhon Ghàidhealtachd dhan bhaile mhòr - a' lorg obair, neo a' teicheadh bho uachdarain is bochdainn. Agus mar am baile as motha an Alba, choisinn Glaschu àite nar measg mar bhaile mòr nan Gàidheal - bàile na smùid.

Ach anns an t-sreath phrògraman a tha seo, tha Coinneach Mac a' Ghobhainn a' rannsachadh mar a bha buaidh aig a' ghluasad sa air cultar nan Gàidheal cuideachd. Oir b' ann bho dheireadh an 19mh linn agus toiseach an 20mh linn a bha mòran nòsan litreachais ùra a' nochdadh sa Ghàidhlig; eadar nobhailean agus deilbh-chluich, cuspairean agus cruthan dhàin.

Anns a' phrògram mu dheireadh dhen t-sreath tha sinn a' ruighinn nòs litreachais a ràinig clachan-mìle sònraichte sa linn a bha seo: rosg.

Tha an t-Oll Dòmhnall Meek a' mìneachadh mar a bha an 19mh linn air sgrìobhadh sa Ghàidhlig a bhrosnachadh, gu sònraichte a thaobh irisean. Agus bha baile Ghlaschu gu sònraichte aig cridhe foillseachaidh nan irisean sin, fo stiùir luchd-deasachaidh an dà chuid aig irisean a' Chomainn Ghàidhealaich, agus daoine mar Ruairidh Arascainn is Mhàirr. Bha na h-irisean, agus na cothroman foillseachaidh seo, le chèile a' brosnachadh sgrìobhadairean gus nobhailean fheuchainn.

Cluinnidh sinn mun chiad nobhail bhon Dr Sheila Kidd bho Oilthigh Ghlaschu, agus an sgrìobhadair Iain MacCormaig. Chuala sinn ann am prògraman eile san t-sreath mu na rinn e thaobh deilbh-chluich; ach b' ann leis a' chiad nobhail Gàidhlig a sgrìobhadh a choisinn e a chliù a bu mhaireannaiche. Agus tha an Dr Aonghas MacLeòid a' sealltainn dhuinn gu robh measgachadh de chomasan litreachais air àbhaisteachadh am measg Gàidheil Ghlaschu aig toiseach an 20mh linn, le eisimpleir Dhòmhnall Mhic na Ceàrdaich.

30 minutes

Last on

Sun 20 Feb 2022 13:00

Broadcasts

  • Mon 14 Feb 2022 12:00
  • Mon 14 Feb 2022 22:00
  • Sun 20 Feb 2022 13:00