Main content

Litir do Luchd-ionnsachaidh 1177

Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir àireamh 1177. Roddy Maclean reads this week's letter for Gàidhlig learners.

Available now

5 minutes

Last on

Wed 9 Feb 2022 22:30

Clip

Litir 1177: Naomh Drostan

Bha mi ag innse dhuibh mu Naomh Drostan. Tha e air ainmeachadh ann an Leabhar Dhèir. Ach tha an cunntas seo a’ tighinn bho Leabhar Ùrnaighean Obar Dheathain no Breviarium Aberdonense. Chan eil e soilleir cà’ n do rugadh e, ach tha an leabhar ag innse dhuinn gun do bhuineadh e do chinneadh rìoghail nan Albannach.

Leis gun robh Drostan ag amas air a bhith ag obair ann an seirbheis Dhè, thug a phàrantan e dha uncail – Naomh Calum Cille – a bha a’ fuireach ann an Èirinn. An sin, bhiodh e a’ faighinn ionnsachadh creideimh.

Bha Drostan an uair sin a’ fuireach ann an àite ris an canar Dalquongale. Tha na sgoilearan a’ dèanamh dheth gur e sin Dercongal faisg air Dùn Phris, air a bheil Hollywood an-diugh. Nuair a chaochail an seann aba an sin, bha Drostan air a dhèanamh na aba ²¹²Ô²Ô.Ìý

Bha e an sin greis. An uair sin, »å³ó’fhalbh e a »å³ó’fhuireach ann an àiteachan iomallach. Bha e a’ fuireach mar aonaran ann an dìthreabhan. Thog e eaglais ann an Gleann Easg ann an Monadh Aonghais.

Tha Leabhar Ùrnaighean Obar Dheathain ag innse dhuinn gun robh Drostan co-cheangailte ri aon mhìorbhail. Thug e fradharc às ùr do shagart dall dom b’ ainm Simon.

Feumaidh gun robh e a’ fuireach ann an Gleann Easg fad ùine mhòr. ʼS e duine naomh a bh’ ann agus bha spèis aig an t-sluagh air. Nuair a chaochail e, thachair rud inntinneach. Chaidh na cnàmhan aige a thoirt a »å³ó’Obar Dobhair – an t-àite far an tàinig e fhèin is Calum Cille gu tìr nuair a fhuair iad fearann airson manachainn ann an Dèir. Chaidh na cnàmhan a chur ann an tuam cloiche ann an Obar Dobhair. Bhiodh mòran daoine, a bha a’ fulang le galaran de »å³ó’iomadh seòrsa, a’ dol ann. Bhiodh iad a’ faighinn leigheas ann. Mar a thachair leis a’ ghille aig Bede, thigeadh slàinte thuca.

Ged a tha Leabhar Ùrnaighean Obar Dheathain ag innse dhuinn gun robh ceangal eadar Drostan agus Obar Dobhair, chan eil e a’ dèanamh iomradh sam bith air Dèir. Tha e coltach nach robh an fheadhainn a chuir an Leabhar Ùrnaighean ri chèile eòlach air Leabhar Dhèir.

Cuideachd, ged a tha an Leabhar Ùrnaighean ag ràdh gur e Albannach a bh’ ann an Drostan – a’ ciallachadh Gàidheal – thathar a’ smaoineachadh gur e ainm Cruithneach a bh’ aige. Agus tha e co-cheangailte ri sgìre anns an ear-thuath far an robh na Cruithnich a’ riaghladh fad ùine mhòr.

Ged nach eil sgeul air Manachainn Dhèir an-diugh, a bheil dualchas Dhrostain fhathast beò? Tha, gu dearbh. Tha e air a chuimhneachadh ann an Obar Dobhair far a bheil eaglais air a bheil Eaglais Naoimh Dhrostain. Tha tobar anns a’ bhaile air a bheil Tobar Dhrostain mar ainm.

Tha ainmean-àite ga chuimhneachadh ann an Gleann Easg cuideachd – ach an sin ʼs e Droustie a th’ air. Mar eisimpleir, tha Droustie’s Meadow agus Droustie’s Well ²¹²Ô²Ô.Ìý

Tha an naomh ceangailte ri Obar Lobhair ann an Srath Spè cuideachd. ʼS e Sgìre Dhrostain a chanas sinn ris a’ pharaiste an sin. Agus tha àiteachan ann an Gleann Urchardain, Bàideanach agus Gallaibh co-cheangailte ris. ʼS iomadh eaglais ann an Alba air a bheil Eaglais Dhrostain mar ainm. Is fhiach an duine a chuimhneachadh gun teagamh.

Faclan na Litreach

Faclan na Litreach: Naomh Drostan: St Drostan; Leabhar Dhèir: The Book of Deer; Leabhar Ùrnaighean Obar Dheathain: The Aberdeen Breviary; Gleann Easg: Glen Esk; Monadh Aonghais: the upland of Angus; tuam cloiche: stone tomb; leigheas: cure (medical); tobar: well; Obar Lobhair: Aberlour; Srath Spè: Strathspey.Ìý

Abairtean na Litreach

Abairtean na Litreach: gun do bhuineadh e do chinneadh rìoghail nan Albannach: that he belonged to the royal race of the Scots; ag amas air a bhith ag obair ann an seirbheis Dhè: aiming to work in the service of God; tha na sgoilearan a’ dèanamh dheth gur e sin X faisg air Dùn Phris: the scholars reckon that is X near Dumfries; nuair a chaochail an seann aba an sin, bha Drostan air a dhèanamh na aba ann: when the old abbot died there, Drostan was made abbot; a’ fuireach mar aonaran ann an dìthreabhan: living as a hermit in wild places; co-cheangailte ri aon mhìorbhail: connected to one miracle; thug e fradharc às ùr do shagart dall dom b’ ainm Simon: he restored sight to a blind priest called Simon; ʼs e duine naomh a bh’ ann agus bha spèis aig an t-sluagh air: he was a saintly man and the people greatly respected him; chaidh na cnàmhan aige a thoirt a »å³ó’Obar Dobhair: his bones were taken to Aberdour; chan eil e a’ dèanamh iomradh sam bith air Dèir: it doesn’t mention Deer; far an robh na Cruithnich a’ riaghladh fad ùine mhòr: where the Picts ruled for a long time; ged nach eil sgeul air Manachainn Dhèir an-diugh: although there is no sign of the [original] monastery of Deer today; tha àiteachan ann an Gleann Urchardain, Bàideanach agus Gallaibh co-cheangailte ris: there are places in Glenurquhart, Badenoch and Caithness connected to him; is fhiach an duine a chuimhneachadh: it’s worth remembering the man.

Puing-chànain na Litreach

Puing-chànain na Litreach: »å³ó’fhalbh e a »å³ó’fhuireach ann an àiteachan iomallach: he went to live in remote places. In a construction of this nature, we lenite the verbal noun (infinitive) e.g. chaidh e a choimhead a’ ghèam ‘he went to see the game’. But because fh is silent, we insert a »å³ó’ in front of a verbal noun which starts with ‘f’. Chaidh i a »å³ó’fhuireach ‘she went to live there’. Thig mi a »å³ó’fhaicinn dè tha dol ‘I’ll come to see what’s happening’.

Gnàthas-cainnt na Litreach

Gnàthas-cainnt na Litreach: Chan eil e soilleir cà’ n do rugadh e: it’s not clear where he was born.

Broadcasts

  • Sun 6 Feb 2022 14:55
  • Wed 9 Feb 2022 22:30

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)

All letters

Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Letter To Gaelic Learners

Podcast