Main content
Sorry, this episode is not currently available

A bheil sibh gu bhith a' comharrachadh Oidhche Burns le suipear air-loidhne? Are you going to be attending an online Burns Supper?

Thèid iomadh Suipear Burns a chumail air-loidhne a-rithist am-bliadhna air sgàth buaidh a' choròna-bhìoraIs. Tha Coinneach a' bruidhinn ris an eòlaiche air Burns, Murchadh Moireasdan mun chùis.

Tha dùil gun tèid aithisg Sue Gray fhoillseachadh an t-seachdain sa, 's i air a bhith a' sgrùdadh chruinneachaidhean a chaidh a chumail aig Sràid Downing an-uiridh fhad 's a bha an dùthaich fo ghlasadh-sluaigh. Tha Sue Gray na Dàrna Ceannard Catharra ann an Oifis a' Chaibineit; tha an neach-naidheachd Anna NicLeòid air a bhith a' faighinn a-mach beagan mu a beatha-obrach.

Tha a' chompanaidh Warner Bros air a bhith a' filmeadh film ùr, Batgirl, air sràidean Ghlaschu. Am measg na h-àiteachan far an robh filmeadh ga dhèanamh bha seann stèisean-rèile Gàrradh nan Lusan. Tha moladh a-nis ga dhèanamh gum bu chòir an stèisean a chleachdadh às ùr mar làrach airson luchd-turais agus gu bheil iomadh seann stèisean agus loidhne-rèile ann an Glaschu a bhiodh freagarrach airson an cleachdadh a-rithist. Tha Alasdair MacCaluim eòlach air na stèiseanan agus tha e còmhla ri Coinneach airson a bheachd a thoirt seachad.

Agus tha Aonghas Pàdraig Caimbeul a' toirt sùil air na naidheachdan a nochd anns a' phàipear-naidheachd The Highland News air an t-seachdain sa ann an 1898.

57 minutes

Last on

Tue 25 Jan 2022 21:00

Music Played

  • Twin Atlantic

    Dirty

Broadcasts

  • Tue 25 Jan 2022 09:00
  • Tue 25 Jan 2022 21:00