Main content
Sorry, this episode is not currently available

Cò ris a bha e coltach a bhith a' fuireach ann an Glaschu aig àm a' mhurtair Bible John? What was it like living in Glasgow at the time of the serial killer Bible John?

Tha còrr air leth-cheud bliadhna bho chualas an t-ainm Bible John an toiseach. B' e seo murtair a mharbh triùir bhoireannaich ann an Glaschu, a fhuair ainm leis gun tuirt fianais gum biodh e falbh dhannsan sa Bharrowland a' bruidhinn ri boireannaich agus ag aithris earrannan às a' Bhìoball. Cha deach a dhearbhadh a-riamh cò e. Chaidh a' chiad de dhà phrògram telebhisean ùr mu dheidhinn fhaicinn air Â鶹ԼÅÄ1 a-raoir, The Hunt for Bible John. Tha Coinneach a' còmhradh ri feadhainn a bha a' fuireach ann an Glaschu aig àm Bible John.

Tha am fear-naidheachd Seumas Dòmhnallach ag innse mun t-sreath ùr radio aige, Na Fàrdaichean Sguabta, far a bheil e a' rannsachadh fuadaichean an Eilein Sgitheanaich. Tha am prògram ri chluinntinn air Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gàidheal an-diugh aig 1203f.

Cluinnidh sinn bho Aonghas Pàdraig Caimbeul mar a chaidh a' chiad tractar-peatrail a dhèanamh le Ameireaganach, John Froelich.

57 minutes

Last on

Tue 23 Nov 2021 21:00

Music Played

  • Donnie Dotaman Macleod

    Tractar

    • Seinn Seo.
    • Ceol Recordings.
    • 1.

Broadcasts

  • Tue 23 Nov 2021 09:00
  • Tue 23 Nov 2021 21:00