11/11/2021
Eachdraidh beatha Mary Seacole a bha na banaltram ann an Cogadh a' Chrimea. Profile of Mary Seacole, a nurse in the Crimean War.
Tha drà ibhear trèana ann a Iapan a' toirt a' chompanaidh dha bheil e ag obair gu cùirt air sgà th ’s gun tug iad 50 sgillean bhon tuarastal aige, seach gu robh e fadalach a' ruighinn an stèisean. Tha siostam rèile Iapan ainmeil airson cho pungail 's a tha iad, mar a chluinneas sinn bho Steafan MacRisnidh.
Tha an cleasaiche Sarah Powell, a rugadh ann a Iamaica, a’ cluich a' charactar Mà iri Seacole anns an t-sreath ùr de Doctor Who. Bha Mà iri na banaltram ann an Cogadh a' Chrimea agus aithnichte airson an cùram a thug i do shaighdearan Breatannach aig an à m. Gheibh sinn eachdraidh a beatha bho Chairistìona NicChonail.
Air an t-seachdain seo ann 1948 dh'fheuch Seachdnar Chnòideirt ris an oighreachd a bhriseadh airson còir a bhith beò as an sgìre san robh a sinnsearan a’ fuireach fad linntean. Cluinnidh sinn an-diugh còmhradh a chlà r Coinneach còmhla ri Tormod Dòmhnallach ‘s e ag innse eachdraidh a’ Mhorair Brockett leis an robh an oighreachd aig an à m.
Cluinnidh sinn còmhradh à tasglann a' BhBC far a bheil Niall Brownlie ag innse do Choinneach mun fhà idh Iain MacIllEathain a bhuineadh do Thiriodh.
Agus innsidh Calum MacNèill dhuinn mu Fà idh Bharraigh agus feadhainn eile anns an eilean aig an robh an dà -shealladh.
Last on
Broadcasts
- Thu 11 Nov 2021 09:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Thu 11 Nov 2021 21:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal