Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1162
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir à ireamh 1162. Roddy Maclean reads this week's letter for Gà idhlig learners.
Last on
Wed 27 Oct 2021
22:30
Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
More episodes
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 858
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1162
Duration: 05:00
Litir 1162: Uamh an Fhuaimhaire (2)
Bha mi ag innse dhuibh mu Uamh an Fhuamhaire no Church Cave ann an Eilean Rònaigh. Anns an t-siathamh linn deug, bha Rònaigh air a chleachdadh le spùinneadairean. Bha iad stèidhichte anns an Acarsaid Mhòir.
Bha Rònaigh riamh air aithneachadh mar eilean garbh, creagach. ʼS dòcha gur e ‘eilean garbh’ a bha an t-ainm a’ ciallachadh ann an Seann Lochlannais. Tha caibeal beag – a bhuineas don cheathramh linn deug – ann an ceann a deas an eilein. Ach cha chreid mi gun robh sluagh mòr a’ fuireach ann.Â
Anns an ochdamh linn deug bha buachaille ann. Bha e a’ cumail sùil air crodh an uachdarain, MacLeòid Ratharsair. Chaidh cuid de Sheumasaich am falach ann an Rònaigh an dèidh Blà r Chùil Lodair. °ä´Ç-»å³ó¾±Ã¹ chleachd iad Uamh an Fhuamhaire, chan urrainn dhomh a rà dh.
Mar sin, cuin a dh’èirich an sluagh chun na h-ìre ʼs gum biodh eaglais a dhìth orra? Uill, thachair e ri linn fuadaichean ann an Ratharsair.Â
Cheannaich Seòras Rèanaidh an t-eilean ann an ochd ceud deug, ceathrad ʼs a trì (1843). ʼS e marsantach Albannach a bh’ ann. Bha e a’ cumail thrà illean anns a’ Charibbean. Rinn e fortan. Fhuair e airgead-dìolaidh bhon riaghaltas nuair a chuir iad casg air trà illeachd anns an ÃŒmpireachd. ʼS ann à s dèidh sin a cheannaich Rèanaidh Ratharsair agus Rònaigh.Â
Tha droch chliù aig Rèanaidh. Chaidh aithris gun do chuir e stad air daoine bho bhith a’ pòsadh ann an Ratharsair. Dh’fhuadaich e suas ri ceud teaghlach. Anns an dà n aige, Sgreapadal, tha am bà rd ainmeil Somhairle MacGill-Eain ag rà dh:Â
Rèanaidh, a thog an tuath o cheithir bailtean deug ann an Eilean nam Fear Mòra, Ratharsair Mhòr nan Leòdach.
Am measg nam bailtean a chaidh fhuadachadh, bha Sgreapadal air taobh an ear an eilein. Seo earrann bhon dà n aig Somhairle:
dh’fhà g Rèanaidh Sgreapadal gun daoine,
gun taighean, gun chrodh ach caoraich,
ach dh’fhà g e Sgreapadal bòidheach;
ra linn cha b’ urrainn dha a chaochladh.
Chaidh feadhainn de mhuinntir Sgreapadail gu ruige Rònaigh airson a bhith beò air an eilean chreagach sin cho math ʼs a b’ urrainn dhaibh. Dh’èirich an sluagh an sin gu naoi fichead aig deireadh an naoidheamh linn deug. Seo an rann anns a bheil am bà rd ag ainmeachadh na h-uamha. Tha na ‘turraidean dubha’ rim faicinn air na bà taichean-aiginn a bhios air an cur fo dheuchainn anns an Lighe Rònach.
Fuidheall beag de dhaoine
ann an Eilean nam Fear Mòra
is turraidean dubha san linnidh
eadar Sgreapadal ʼs a’ Chomraich
a’ fanaid air leac Ma-ruibhe
ʼs air Uamha ʼn Fhuamhaire ʼn Rònaigh
agus a sreathan beaga chlach,
suidheachain fhear is bhan is cloinne
ag èisteachd ri Maighstir Ruairi
ag innse nach eil an seo baile mhaireas,
Rèanaidh ann no Rèanaidh à s.
B’ e Maighstir Ruairi An t-Urr. Ruairidh MacLeòid. B’ esan a’ chiad mhinistear aig an Eaglais Shaoir anns an Eilean Sgitheanach. Bhiodh e gu tric a’ searmonachadh ann an Rònaigh ann an Uamh an Fhuamhaire.
Thogadh eaglais far an robh na daoine a’ fuireach aig toiseach an fhicheadamh linn. Ach lean baistidhean airson ùine mhòr anns an uaimh. Chan eil seirbheisean gan cumail innte an-diugh. Ach tha fhios gum bi cuid de luchd-tadhail a’ dèanamh ùrnaigh innte bho à m gu à m.

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: Uamh an Fhuamhaire: ‘the giant’s cave’; Eilean Rònaigh: [The Isle of] Rona; spùinneadairean: pirates; caibeal: chapel; buachaille: herdsman; Seòras Rèanaidh: George Rainy; droch chliù: bad reputation; bà taichean-aiginn: submarines; fuidheall: remnant; ùrnaigh: prayer.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: cha chreid mi gun robh sluagh mòr a’ fuireach ann: I don’t reckon a big population was living there; crodh an uachdarain: the cattle of the landlord; chaidh cuid de Sheumasaich am falach: some Jacobites hid; cuin a dh’èirich an sluagh chun na h-ìre ʼs gum biodh eaglais a dhìth orra?: when did the population rise to the level that they would need a church?; linn fuadaichean ann an Ratharsair: at the time of/because of clearances in Raasay; a’ cumail thrà illean: keeping slaves; fhuair e airgead-dìolaidh bhon riaghaltas nuair a chuir iad casg air trà illeachd: he received money as compensation from the government when they banned slavery; dh’fhà g e Sgreapadal bòidheach, ra linn cha b’ urrainn dha a chaochladh: he left Screapadal beautiful, in his day he could do no else; cho math ʼs a b’ urrainn dhaibh: as best they could; Eilean nam Fear Mòra: the island of the big men; turraidean dubha san linnidh: black turrents in the sound; a’ fanaid air leac Ma-ruibhe: mocking Saint Maolrubha’s flagstone; a sreathan beaga chlach: its little rows of stones; suidheachain fhear is bhan is cloinne: seats of men and woman and children; lean baistidhean airson ùine mhòr: baptisms continued for a long time; chan eil seirbheisean gan cumail innte: no services are held there;Ìý
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: a bhios air an cur fo dheuchainn anns an Lighe Rònach: that undergo trials in the Inner Sound. English does not differentiate different parts of the Inner Sound but in Applecross the Gaelic word lighe is used for a stretch of water between two pieces of land and there are specific names for areas of the Inner Sound adjacent to Applecross – an Lighe Rònach east of Rona, an Lighe Ratharsaireach east of Raasay, an Lighe Chròlaigeach between Crowlin and Scalpay and an Lighe Aillseach between Crowlin and Loch Alsh. Charles M Robertson also tells us that the sound between Rona and Skye was (is?) known as Lighe Phort Rìgh.
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: °ä´Ç-»å³ó¾±Ã¹ chleachd iad X, chan urrainn dhomh a rà dh: whether [or not] they used X, I cannot say.
Broadcasts
- Sun 24 Oct 2021 14:55Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Wed 27 Oct 2021 22:30Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.