Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1160
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir à ireamh 1160. Roddy Maclean reads this week's letter for Gà idhlig learners.
Last on
Thu 14 Oct 2021
00:00
Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
More episodes
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 856
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1160
Duration: 05:00
Litir 1160: MacCodruim nan Ròn (2)
Bha mi ag innse dhuibh an sgeulachd MacCodruim nan Ròn. Phòs Niall MacCodruim a’ mhaighdeann-ròin. Bha dithis chloinne aca còmhla – balach agus nighean – Dòmhnall agus Mòrag. Bha falt donn aca mar a bh’ aig an athair, ach bha sùilean dubha aca coltach rim mà thair. Coltach ri ròn, gu dearbh. Eadar an òrdagan-coise bha pìosan craicinn. Bha an casan car coltach ri spògan-lacha.
Gach latha a bha Niall a-muigh san eathar ag iasgach, bhiodh a’ chlann air a’ chladach, a’ buain bhà irneach agus a’ cruinneachadh cairgein. Bhiodh am mà thair còmhla riutha. Bha an coltas oirre mar gun robh i toilichte gu leòr.
Ge-tà , nuair a thigeadh gaoth an iar le uisge, bhiodh coltas eile oirre. Bhiodh i a’ snìomh le cuibhle-shnìomh agus a’ gabhail òrain tiamhaidh. Bhiodh i a’ luasgadh bho thaobh gu taobh mar a bhiodh pìos fiodha anns an fhairge. Cha bhiodh Niall ag iasgach air là ithean mar sin. Bhiodh e na shuidhe anns an oisean, ag èisteachd ri a bhean, agus e ann an droch shunnd. Cha chanadh e guth ri duine.Â
Chaidh trì bliadhn’ deug seachad. Latha samhraidh a bha seo, bha a’ bhean air a’ mhachair, a’ cladhach freumhaichean a’ bhrisgein a bha i a’ dol a ròstadh. Chuala i a nighean Mòrag. ‘Seall, a mhà thair,’ thuirt Mòrag, ‘nach annasach an rud mòr breac a lorg mi ann an seann chiste-eòrna. Tha e cho mìn ri sìoda!’ Bha i air seann bhian a mhà thar a lorg. Bha Niall air a chur am falach anns a’ chiste.
Dh’èirich a mà thair gu a casan. Cha tuirt i guth ach shuath i a bian le a là imh. Ghabh i grèim air a’ bhian agus chuir i a gà irdean timcheall a h-ìghne, agus choisich iad air ais don taigh. Nuair a bha i a-staigh, dh’èigh i air a mac, Dòmhnall.
Thà inig Dòmhnall agus mhìnich am boireannach don dithis aca dè bha a’ dol a thachairt. ‘Bidh mi gur fà gail,’ thuirt i. ‘Tha gaol mòr agam oirbh, ach feumaidh mi tilleadh gu mar a bha mi.’
Air an oidhche sin, dh’èirich am boireannach bhon leabaidh far an robh a cèile na chadal. Chaidh i don chladach agus thug i a h-aodach dhith. Thug i a-mach a bian agus chuir i uimpe e. Chaidh i a-steach don mhuir agus airson greis bha i leatha fhèin faisg air a’ chladach, agus a ceann os cionn na mara.Â
An uair sin, thà inig sia ròin eile. Chaidh iad ceithir-thimcheall oirre agus thuig i gun robh a muinntir fhèin ga h-aithneachadh is a’ cur fà ilte oirre.
Nuair a dhùisg Niall MacCodruim, cha robh sgeul air a bhean anns an leabaidh. Chaidh e a-mach agus cha robh sgeul oirre anns a’ bhà thaich no anns an t-sabhal. Thug e sùil anns a’ chiste-eòrna. Cha robh am bian-ròin ann. Thuig e an uair sin gun robh a bhean air tilleadh don mhuir agus nach tigeadh i thuige a-chaoidh tuilleadh.
Ach bha e eadar-dhealaichte don chloinn aca. Air oidhcheannan nuair a bha fàs a’ tighinn air a’ ghealaich agus an tìde-mhara a’ lìonadh, bhiodh Dòmhnall is Mòrag a’ falbh don chladach casrùisgte. Bhiodh iad a’ feitheamh ann gus an tigeadh ròn breac aig an robh sùilean mòra. Bhiodh a’ chlann ag èigheachd airson am mà thar agus a’ snà mh còmhla rithe le mòr-ghà irdeachas gu briseadh an latha.

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: maighdeann-ròin: selkie, seal-woman; òrdagan-coise: toes; spògan-lacha: webbed feet; casrùisgte: barefooted.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: bha falt donn aca mar a bh’ aig an athair: they had brown hair like their father’s; bha sùilean dubha aca coltach rim mà thair: they had dark eyes like their mother; a-muigh san eathar ag iasgach: out in the boat fishing; a’ buain bhà irneach agus a’ cruinneachadh cairgein: harvesting limpets and gathering carragheen; nuair a thigeadh gaoth an iar le uisge, bhiodh coltas eile oirre: when the west wind came with rain, her appearance would change; a’ snìomh le cuibhle-shnìomh agus a’ gabhail òrain tiamhaidh: spinning with a spinning-wheel and singing sad songs; a’ luasgadh bho thaobh gu taobh mar a bhiodh pìos fiodha anns an fhairge: swinging from side to side like a piece of wood in the open sea; na shuidhe anns an oisean: sitting in the corner; cha chanadh e guth ri duine: he wouldn’t say anything to anybody; a’ cladhach freumhaichean a’ bhrisgein a bha i a’ dol a ròstadh: digging up silverweed roots that she was going to roast; nach annasach an rud mòr breac a lorg mi ann an seann chiste-eòrna: the big speckled thing I found in an old barley-kist is unusual; bha Niall air a chur am falach: Neil had hidden it; shuath i a bian le a là imh: she rubbed her skin with her hand; chuir i a gà irdean timcheall a h-ìghne: she put her arm around her daughter; far an robh a cèile na chadal: where her spouse was sleeping; chaidh iad ceithir-thimcheall oirre: they surrounded her; gun robh a muinntir fhèin ga h-aithneachadh: that her people were recognising her; nach tigeadh i thuige a-chaoidh tuilleadh: that she would never return to him again; a’ snà mh còmhla rithe le mòr-ghà irdeachas gu briseadh an latha: swimming along with her with delight until daybreak.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: Thug i a-mach a bian agus chuir i uimpe e: she took out her skin and she put it around her. Uimpe is a prepositional pronoun connected to the preposition mu ‘around’ and it means ‘around her’. The other forms for this prepositional pronoun are umam ‘around me’, umad ‘around you’, uime ‘around him’, umainn ‘around us’, umaibh ‘around you’ and ù³¾±è²¹ ‘around them’. Today, for clothing, we tend to use the preposition air ‘on’ – bidh thu a’ cur aodach ort. But in olden times clothes like the ´Úè¾±±ô±ð²¹»å³ó and shawls etc tended to be worn around the body. Bhiodh tu a’ cur aodach umad.
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: bha a’ bhean air a’ mhachair: the wife/woman was on the machair. The word bean can mean both ‘woman’ and ‘wife’.
Broadcasts
- Sun 10 Oct 2021 23:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Thu 14 Oct 2021 00:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.