13/10/21
Tha draghan air èirigh sa Phòlainn a thaobh ballrachd an Aonaidh Eòrpaich. Fear among Poles over threat of the country leaving the European Union.
Mìnichidh an neach-naidheachd, Anna NicLeòid carson a tha mì-dhòigh anns a’ Phòlainn an-drà sta agus daoine draghail gu bheil an dùthaich a’ dol a chur cùl ris an Aonadh Eòrpach.
Chaidh Spycatcher, leabhar a sgrìobh fear a bha ag obair aig MI5, fhoillseachadh an toiseach ann an Àstralia ann an 1987. Ach, chuir Riaghaltas Bhreatainn bacadh air an leabhar a bhith air fhoillseachadh san dùthaich seo le eagal gun dèanadh e cron air obair an riaghaltais is MI5. Cluinnidh sinn bho Iain MacAmhlaigh gur ann air an latha seo, 13mh den Dà mhair, 1988 a bhuannaich pà ipearan-naidheachd na dùthcha a’ chùis sa chùirt is chaidh an leabhar fhoillseachadh.
Chaidh a' ghainmheach agus am mòl a bha air uachdar seann raon-laighe aig port-adhair Thiorodh a threabhadh às ùr airson eòin a thà ladh chun eilein. Seo an dà rna turas ann a fichead bliadhna a thachair a leithid. Ged nach eil pà irt mhòr dhen raon-laighe air a chleachdadh an-diugh, bha e gu math trang bho na 1940an, nuair a chaidh a leudachadh chun ìre agus gu robh Ionad Feachd Rìoghail an Adhair stèidhichte ann fad an Dà rna Cogaidh agus airson bliadhnaichean às dèidh sin. Gheibh sinn eachdraidh a' phuirt-adhair bho Iain Holliday, a sgrìobh leabhar air a' chuspair agus bho Ailig MacArtair, a thug bliadhnaichean ag obair na neach-smà laidh aig a' phort-adhair.
Last on
Broadcasts
- Wed 13 Oct 2021 09:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Wed 13 Oct 2021 22:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal