Tombaca is Tì
Jo NicDhòmhnaill le naidheachdan 's òrain mu thì 's mu thombaca. Jo MacDonald presents a selection of archive material on two imports to the Highlands and Islands - tobacco and tea
Tha sinn a' comharrachadh gu bheil 70 bliadhna bho chaidh Sgoil Eòlais na h-Alba a stèidheachadh aig Oilthigh Dhùn Èideann air a' bhliadhna seo. Tron bhliadhna, cluinnidh sinn taghaidhean de chuid de na chaidh a thogail le luchd-cruinneachaidh na Sgoile, a' mhòr-chuid dheth sna 50an agus na 60an, bho dhaoine a bh' air am bogadh ann an dualchas agus beul-aithris na Gà idhlig. Chaidh an t-sreath sa a chraoladh an toiseach nuair a bha an Sgoil a' comharrachadh 50 bliadhna ann an 2001.
'S e naidheachdan 's òrain air dà rud a dh'fhà gadh daoine rudeigin troimhe-chèile nam biodh iad às an aonais a th' aig Jo NicDhòmhnaill dhuinn a seo - tì agus tombaca.
Ach cha robh iad a-riamh againn idir. Cluinnidh sinn mun chiad tì a dh'òladh an Uibhist a Tuath, mun chiad uair a rinn te à Uibhist a Deas tì 's gun i eòlach oirre agus mar a chaidh do chailleach à Mà nais sna Hearadh leatha an dèidh dha mac punnd dhi a thoirt dhachaigh thuice às annas.
Gheibh sinn sgeulachd is òran mun t-soitheach ainmeil, an Taeping, a bha a' giùlan na tì à Sìona a Lunnainn, agus an Tiriostach Dòmhnall MacFhionghain na Chaiptein oirre.
Sa Ros Mhuileach tha Dòmhnall Moireasdan a' gabhail an òrain Dì-moladh na tì a rinn am bà rd Tiriostach Iain MacIllEathain agus cuideachd òran a rinn Mà iri NicDhùghaill à Bun Easain mun ghrà in a bh' aice fhèin air an t-sìoman donn.
À Uibhist a Deas tha sinn a' faighinn tuairmse air an èiginn anns am biodh na bodaich le dìth an tombaca san òran O Phìob Thombaca agus an Uibhist a Tuath cluinnidh sinn mar a chur dìth am tombaca aon bhodach gu bhith ga aoireadh leis a' mhiann a bh' aige air an duilleag dhonn.
Last on
Broadcasts
- Thu 26 Aug 2021 12:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Thu 26 Aug 2021 22:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Sun 29 Aug 2021 09:30Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal