Òrain Dhòmhnaill Ruaidh Chaimbeul
Taghadh den iomadh òran a rinn Dòmhnall Ruadh Caimbeul à Ròdhag. Le Ceana Chaimbeul. Kenna Campbell examines the song-writing of Donald Campbell of Roag, Skye.
Tha sinn a' comharrachadh gu bheil 70 bliadhna bho chaidh Sgoil Eòlais na h-Alba a stèidheachadh aig Oilthigh Dhùn Èideann air a' bhliadhna seo. Tron bhliadhna, cluinnidh sinn taghaidhean de chuid de na chaidh a thogail le luchd-cruinneachaidh na Sgoile, a' mhòr-chuid dheth sna 50an agus na 60an, bho dhaoine a bh' air am bogadh ann an dualchas agus beul-aithris na Gà idhlig. Chaidh an t-sreath sa a chraoladh an toiseach nuair a bha an Sgoil a' comharrachadh 50 bliadhna ann an 2001.
Tha Ceana Chaimbeul a' cur òrain mac brà thair a sinn-seanar, Dòmhnall Ruadh Caimbeul, fon phrosbaig a seo.
Rugadh e ann an 1852 ann a Ròdhag ann a sgìre Dhiùirinis san Eilean Sgitheanach. A seo cluinnidh sinn Dòmhnall Caimbeul, Domhnall Aonghais, mac brà thair a' bhà ird, na brà ithrean Murchadh agus Seumas Caimbeul, balaich Chaluim Sheumais, iad fhèin à Rodhag is cà irdeach dhan bhà ird agus Iain MacIllEathain, Seonaidh Alasdair Ruaidh à Bhatan, ag aithris agus a' seinn na bà rdachd aig Dòmhnall Ruadh agus a' toirt dhuinn beagan eòlais air an duine fhèin.
Cluinnidh sinn Òran a' Christmas Tree, Òran Chnoc nan Craobh ( a rinn e dha bhean Mòr Chaimbeul, Mòr nighean Uilleam Bà in à Buaile a' Bheathain ), Coileach Peigi ( a rinn e mu shabaid eadar a' choileach aige fhèin 's coileach a mhà thair-cèile ) agus Òran an Taigh-sholais air an seinn aca agus a thuilleadh air a sin gheibh sinn fear na dhà eile air an deagh aithris.
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Thu 29 Jul 2021 12:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Thu 29 Jul 2021 22:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Sun 1 Aug 2021 09:30Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal