Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1146
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir à ireamh 1146. Roddy Maclean reads this week's letter for Gà idhlig learners.
Last on
Wed 7 Jul 2021
23:00
Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
More episodes
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 842
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1146
Duration: 05:00
Litir 1146: Buain nan Coilleag
O chionn bliadhna no dhà , airson mo cho-latha-breith, fhuair mi prèasant – ʼs dòcha car annasach. Ach bha mise gu math toilichte leis. Cheannaich mo bhean rà can dhomh.Ìý
Chan e rà can à bhaisteach a bh’ ann. Cha bhi mi ga chur gu feum airson gà irneilearachd. Tha seann rà can a nì a’ chùis dhomh airson sin. Tha an rà can a fhuair mi mar phrèasant fìor fhèin spaideil le fiaclan mòra, gleansach air.Ìý
Mura bi mi ga chur gu feum anns an leas, carson a bha mi cho toilichte leis? Uill, a chionn ʼs gur e °ùà ³¦²¹²Ô-³¦³ó´Ç¾±±ô±ô±ð²¹²µ a th’ ann, agus tha mi fìor mheasail air coilleagan mar bhiadh.Ìý
ʼS e maorach a th’ anns a’ choilleig – dà -mhogalach a tha a’ fuireach air trà ighean. Ann an cuid de na h-eileanan, canaidh daoine ²õ°ùù²ú²¹¾±²Ô riutha. Ann am Beurla, bidh sibh eòlach orra mar cockles.Ìý
ʼS toigh leam coltas na coilleig. Cha mhòr nach eil an creutair a’ coimhead cruinn nuair a tha na sligean dùinte. Tha an dà shlige co-ionann agus os-chearclach. Tha iad aisneach cuideachd. Ged a tha a’ mhòr-chuid de shligean-coilleig bà n, tha feadhainn glas no liath ann am pà irt, gu h-à raidh ma tha là thach am measg na gainmhich far a bheil iad a’ tighinn beò. ʼS fìor thoigh leam coltas na feadhna sin.
Ma tha sibh eòlach air an trà igh, bidh fios agaibh gun lorgar coilleagan fon ghainmhich nuair a tha muir-trà igh ann. Ge-tà , eu-coltach ri muirsgianan, cha bhi coilleagan a’ falbh gu doimhneachd mhòr. Cha leig sibh a leas spaid a thoirt leibh airson coilleagan a bhuain. Nì rà can a’ chùis.
Agus eu-coltach ri muirsgianan, cha leig sibh a leas a bhith a’ coiseachd gu socair, sà mhach, eagal ʼs gun cluinn an creutair sibh. Chan eil agaibh ach rà cadh agus, ma tha sibh anns an à ite cheart, gheibh sibh maorach an ceann ùine ghoirid. Chan eil iad fada fo uachdar na gainmhich. Tha e furasta gu leòr am buain.
Ge-tà , mholainn gu mòr nach toir sibh leibh ach na sligean as motha. Cuiribh an fheadhainn bheaga air ais agus còmhdaichibh iad le gainmheach a-rithist. Bu chòir do thrà igh choilleag a bhith buan-mhaireannach.
Ciamar a thathar a’ dèiligeadh ris na coilleagan aig an taigh? Uill, ma tha sibh a’ fuireach ri taobh a’ chladaich, tha e furasta gu leòr. Ach ma tha sibh a’ fuireach pìos air falbh bhon chladach, mholainn gun toir sibh sà l leibh cuideachd ann am botail. Carson? Uill, bu chòir dhuibh na coilleagan a chur ann an sà l glan, agus an t-uisge atharrachadh co-dhiù dà thuras, feuch a’ ghainmheach a thoirt asta.
Ma tha sibh air a dhol a-steach a Bharraigh ann an itealan, bidh fios agaibh gum bithear a’ laighe air trà igh-shrùban ris an canar An Trà igh Mhòr. Bidh feadhainn fhathast a’ buain nan ²õ°ùù²ú²¹²Ô ann.
Nise, mus fhalbh mi – seo beagan comhairle dhuibh ma bhios sibh fhèin ri buain nan ²õ°ùù²ú²¹²Ô no nan coilleag. Nuair a thig a’ ghaoth fhuar bhon à ird a tuath, bidh agaibh ri rà cadh nas doimhne. Thà inig a’ chomhairle sin bho Mhà rtainn MacIlleMhà rtainn o chionn còrr is trì cheud bliadhna.Ìý
Agus comhairle eile – cuimhnichibh nach eil maorach sà bhailte ʼson ithe as t-samhradh. Fanaibh chun an fhoghair mus buain sibh coilleagan. Ach, ma tha ceann-bliadhna gu bhith agaibh anns an eadar-à m, cuimhnichibh gun dèanadh rà can deagh phrèasant!

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: car annasach: somewhat unusual; maorach: shellfish [can refer to them in both plural and singular]; dà -mhogalach: bivalve; aisneach: ribbed; còmhdaichibh iad: cover them; a’ dèiligeadh ri: dealing with; sà l: sea water; Mà rtainn MacIlleMhà rtainn: Martin Martin; ʼson ithe: for eating.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: airson mo cho-latha-breith, fhuair mi prèasant: for my birthday, I got a present; cha bhi mi ga chur gu feum airson gà irneilearachd: I don’t use it for gardening; fìor fhèin spaideil le fiaclan mòra, gleansach air: really smart with big shiny teeth on it; tha mi fìor mheasail air coilleagan mar bhiadh: I really like cockles as food; cha mhòr nach eil an creutair a’ coimhead cruinn nuair a tha na sligean dùinte: the animal almost looks round when the shells are closed; tha an dà shlige co-ionann agus os-chearclach: the two shells are equal and convex; tha feadhainn glas no liath ann am pà irt: some are dark or light grey in part; gu h-à raidh ma tha là thach am measg na gainmhich far a bheil iad a’ tighinn beò: particularly if there is fine mud amongst the sand in which they live; ʼs fìor thoigh leam coltas na feadhna sin: I really like the appearance of those; gun lorgar coilleagan fon ghainmhich nuair a tha muir-trà igh ann: that cockles will be found under the sand at low tide; eu-coltach ri muirsgianan: unlike razorfish; cha leig sibh a leas spaid a thoirt leibh airson coilleagan a bhuain: you don’t need to take a spade with you to harvest cockles; a’ coiseachd gu socair, sà mhach, eagal ʼs gun cluinn an creutair sibh: walking gently and quietly in case the creature should hear you; nuair a thig a’ ghaoth fhuar bhon à ird a tuath, bidh agaibh ri rà cadh nas doimhne: when the cold wind blows from the north, you will have to rake more deeply.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: a chionn ʼs gur e °ùà ³¦²¹²Ô-³¦³ó´Ç¾±±ô±ô±ð²¹²µ a th’ ann: because it’s a cockle-rake. The genitive plural form of coilleag is quite interesting. If the word were a modern loan we would say a’ buain nan coilleagan ‘harvesting the cockles’ (with the noun in its genitive plural form). But, as it’s an old word, it follows an older grammatical model, with the genitive plural form being the same as the nominative singular – so we say a’ buain nan coilleag. Thus a ‘rake of [for] cockles’ is a °ùà ³¦²¹²Ô-³¦³ó´Ç¾±±ô±ô±ð²¹²µ – or, where ²õ°ùù²ú²¹²Ô is used for ‘cockle’, a rà can-²õ°ùù²ú²¹²Ô.
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: Tha seann rà can a nì a’ chùis dhomh airson sin: there is an old rake which will do the job for me for that.
Broadcasts
- Sun 4 Jul 2021 22:30Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Wed 7 Jul 2021 23:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.