Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1141
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir à ireamh 1141. Roddy Maclean reads this week's letter for Gà idhlig learners.
Last on
Wed 2 Jun 2021
22:55
Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
More episodes
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 837
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1141
Duration: 05:00
Litir 1141: An Caisteal Ruadh (2)
Anns a’ bhliadhna còig ceud deug, seasgad ’s a seachd (1567) chaill Mà iri, Banrigh na h-Alba, a h-à ite air an rìgh-chathair. Bliadhna an dèidh sin, thug Tà naiste na h-Alba, Iarla Mhoireibh, oighreachd a’ Chaisteil Ruaidh seachad do Chlann ’ic Coinnich. Taobh a-staigh beagan bhliadhnaichean bha an oighreachd là imh ris a’ Chaisteal Ruadh cuideachd ann an là mhan Clann ’ic Coinnich. B’ e sin oighreachd Chùil Challaidh. Bha Clann ’ic Coinnich an uair sin gu math cumhachdach ann an Taobh Sear Rois.Â
Anns a’ chogadh chatharra an aghaidh Theà rlaich I, bha Clann ’ic Coinnich a’ Chaisteil Ruaidh air taobh an Rìgh. Thathar ag rà dh gur ann sa Chaisteal Ruadh a dh’ionnsaich ceannard an airm, Marcais Mhontròis, mu bhà s an Rìgh.Â
Rinn arm Chrombail sgrios air a’ Chaisteal Ruadh agus bha e ann an staid thruagh airson greis mhòr. Trà th anns an ochdamh linn deug, chaidh ath-thogail a dhèanamh air. Ann an seachd ceud deug, ceathrad ’s a còig (1745), thathar ag rà dh gun robh am Prionnsa Ã’g – Teà rlach Eideard Stiùbhart – a’ fuireach ann.Â
Tha beul-aithris inntinneach mu dheidhinn na thachair nuair a bha am Prionnsa ann. Bha e a’ feuchainn ri toirt air Clann ’ic Coinnich saighdearan a chur gu Arm nan Seumasach. Bha Teà rlach agus an t-uachdaran a’ cabadaich aig à m bracaist. Cha mhòr nach robh an ceann-cinnidh air aonta a ruighinn leis a’ Phrionnsa.
Ge-tà , bha a bhean taiceil do na Hanoibhèirianaich. Dhòirt i, a dh’aona-ghnothach, uisge goileach thairis air cas an duine aice. Cha b’ urrainn dha, mar sin, dhol aig ceann feachd. Agus chaill Teà rlach Òg an cothrom Clann ’ic Coinnich a’ Chaisteil Ruaidh a bhith mar phà irt dhen arm aige.
Goirid an dèidh sin reiceadh an oighreachd do Ghranndaich à Gleann Urchardain. Chaidh fear de na h-uachdarain agus a mhac a-mach air a chèile gu salach. Agus, an à ite a cumail anns an teaghlach, ’s ann a thug an t-uachdaran gu Colaiste Fettes ann an Dùn Èideann i. ’S e sin as coireach gu bheil baile-fearainn faisg air a’ Chaisteal Ruadh air a bheil Fettes Farm mar ainm.Â
’S ann tro dhiofar mheuran de na Baillies a chaidh an t-à ite tro thìde – mu dheireadh don mheur a bha stèidhichte ann an Doch a’ Phùir faisg air Inbhir Nis. Aig toiseach an dà rna cogaidh, ghabh an riaghaltas grèim air agus bha saighdearan agus feadhainn aig Feachd Rìoghail an Adhair a’ fuireach ann.Â
Bha uidheaman gunnaireachd, leithid bhomaichean, air an stòradh faisg air a’ chaisteal. Bha iad air an toirt don stèisean rèile faisg air là imh airson a dhol don raon-adhair ann am Manachainn Rois. Aig an à m sin, bha rathad-iarainn ann eadar Am Blà r Dubh agus A’ Chananaich, agus bha stèisean aig a’ Chaisteal Ruadh.Â
Tha togalaichean ìosal anns a’ choille chun an latha an-diugh. Tha dùil agam gum b’ iad sin cuid dhen fheadhainn a bha a’ stòradh bhomaichean is armachd eile. Aig an à m sin, tha seann dealbhan camara a’ sealltainn dhuinn gun robh an caisteal gu math snasail.
Bha na daoine leis an robh e a’ dol ga leasachadh an dèidh a’ chogaidh. Ach fhuair iad a-mach gun robh na cabraichean air grodadh gu mòr. Mar sin, thugadh am mullach dheth. Agus tha an Caisteal Ruadh an-diugh na thobhta. Chosgadh e fortan a leasachadh às ùr.

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: Tà naiste na h-Alba: The Regent of Scotland; Iarla Mhoireibh: the Earl of Moray; oighreachd: estate; Cùil Challaidh: Kilcoy; Taobh Sear Rois: Easter Ross; ath-thogail: rebuilding; Arm nan Seumasach: the Jacobite army; Colaiste Fettes: Fettes College; Doch a’ Phùir: Dochfour; Feachd Rìoghail an Adhair: Royal Air Force; snasail: elegant.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: chaill Mà iri, Banrigh na h-Alba, a h-à ite air an rìgh-chathair: Mary Queen of Scots lost her place on the throne; an oighreachd là imh ris a’ Chaisteal Ruadh: the estate adjacent to Redcastle; anns a’ chogadh chatharra an aghaidh Theà rlaich I: in the civil war against Charles I; gur ann sa Chaisteal Ruadh a dh’ionnsaich Marcais Mhontròis mu bhàs an Rìgh: that it was at Redcastle that the Marquis of Montrose learned about the King’s death; rinn arm Chrombail sgrios air: Cromwell’s army destroyed; ann an staid thruagh airson greis mhòr: in a poor state for a long time; bha Teà rlach agus an t-uachdaran a’ cabadaich aig à m bracaist: Charles and the laird were chatting at breakfast time; bha a bhean taiceil do na Hanoibhèirianaich: his wife was supportive of the Hanoverians; dhòirt i, a dh’aona-ghnothach, uisge goileach thairis air cas an duine aice: she deliberately poured boiling water over her husband’s foot; cha b’ urrainn dha dhol aig ceann feachd: he couldn’t lead a troop of soldiers; reiceadh an oighreachd: the estate was sold; chaidh fear de na h-uachdarain agus a mhac a-mach air a chèile gu salach: one of the lairds and his son fell out badly with each other; bha uidheaman gunnaireachd, leithid bhomaichean, air an stòradh: ammunition such as bombs was stored; don raon-adhair ann am Manachainn Rois: to the aerodrome at Fearn; bha rathad-iarainn ann eadar Am Blà r Dubh agus A’ Chananaich: there was a railway line between Muir of Ord and Fortrose; gun robh na cabraichean air grodadh gu mòr: that the roofing timbers had rotted badly; chosgadh e fortan: it would cost a fortune.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: Cha mhòr nach robh an ceann-cinnidh air aonta a ruighinn leis a’ Phrionnsa: the clan chief had almost reached an agreement with the Prince. This is a good expression to master. Cha mhòr nach eil mi deiseil ‘I’m almost ready’; a bheil thu deiseil? ‘are you ready?’ cha mhòr nach eil ‘yes, almost’; cha mhòr nach robh an geama seachad nuair a chuir i tadhal ‘the game was almost over when she scored’.
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: ’S e sin as coireach gu bheil baile-fearainn air a bheil Fettes Farm mar ainm: that's the reason that there is a farm named Fettes Farm.
Broadcasts
- Sun 30 May 2021 22:25Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Wed 2 Jun 2021 22:55Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.