Main content
Sorry, this episode is not currently available

Ruairidh MacÀidh, Bàrd Iolaraigh

Ceitidh Mhoireasdan à Sollas ag innse mu bhàrdachd Ruairidh MhicÀidh, Bàrd Iolaraigh. Katie Morrison presents a selection of songs written by Roderick Mackay, Bàrd Iolaraigh.

Air a' bhliadhna seo tha sinn a' comharrachadh gu bheil 70 bliadhna bho chaidh Sgoil Eòlais na h-Alba a stèidheachadh aig Oilthigh Dhùn Èideann. Tron bhliadhna, cluinnidh sinn taghaidhean de chuid de na chaidh a thogail le luchd-cruinneachaidh na Sgoile, a' mhòr-chuid dheth sna 50an agus na 60an, bho dhaoine a bh' air am bogadh ann an dualchas agus beul-aithris na Gàidhlig. Chaidh an t-sreath sa a chraoladh an toiseach nuair a bha an Sgoil a' comharrachadh 50 bliadhna ann an 2001.

A seo 's i Ceitidh Mhoireasdan à Sollas a tha ag innse dhuinn mu bheatha 's mu bhàrdachd Ruairidh MhicÀidh, Bàrd Iolaraigh an Uibhist a Tuath.

Rugadh Ruairidh ann an 1872 ann an geàrraidh Chnoc an Torran ann a sgìre Phaibil. Bha còignear eile san teaghlach agus ùidh ac’ uile ann an ceòl. Thàinig leabhar de a chuid bàrdachd, Oiteagan à Tìr nan Òg a-mach ann a 1938 agus chaidh ath-fhoillseachadh ann a 2018. Bha raon farsaing de chuspairean aige 's e a' suathadh ri cogadh, caoidh, ionndrainn, gaol, moladh, cianalas, spòrs, fealla-dhà agus eile.

Cluinnidh sinn aig Seonaidh MacDhòmhnaill, Seonaidh Dhodaidh às a’ Chaolas mar a rinn Ruairidh a' chiad òran aige agus bho Ruairidh MacDhòmhnaill, Ruairidh na Càrnaich, sgeulachd mu Ruairidh MhicÀidh agus Aonghas Robasdan, bàrd eile sa Bhaile Shear, agus mar a chaidh Aonghas a’ losgadh agus e a’ dèanamh biadh do Ruairidh agus e air stad aige air an t-slighe air ais à taigh-sheinnse Chàirinis. Rinn Ruairidh bàrdachd dha fhads a bha e a’ dèanamh a’ bhìdh.

Cluinnidh sinn Ùisdean MacMhathain, Ùisdean Sheumais às a Bhaile Shear, a' gabhail Tha mi falbh air Turas, Òran an Tairbh agus Òran an Aithreachais; Sandaidh Ailig ‘icPhàil a Loch Euphort le 'S Muladach mi 'n-diugh 's mi 'g Èirigh ( neo Cuairt Shuirghe air Droch Astar Tarsainn Monaidh 's an Oidhche Dhorcha ); Bealag NicPhàil, Bealag Dhòmhnaill Bhàin à Loch nam Madadh le Cuairt do dh'Uibhist agus Eòghainn Dòmhnallach le Òran a' Chianalais.

Chaochail Ruairidh MacÀidh ann an 1949 aig aois 77.

30 minutes

Last on

Sun 9 May 2021 09:30

Broadcasts

  • Thu 6 May 2021 12:00
  • Thu 6 May 2021 22:00
  • Sun 9 May 2021 09:30